Leòman tearc ann an Hiort
- Published
image copyrightShirley Leek
Tha leòman tearc a bhios mar as trice ann an Ceann a Tuath Afraga air nochdadh ann an Hiort.
'S i Shirley Leek a chlàr an Oleander Hawkmoth san eilean air an 4mh den t-Sultain.
Thig na leòmain gu tuath às Afraga agus an Ear-Mheadhanach gach bliadhna.
Chan ann tric a ruigeas iad Breatainn idir, ge-tà, agus b' e seo a' chiad turas a chaidh fear a chlàradh anns na h-Eileanan an Iar.
'S e fear de na leòmain às àillidh a th' ann is e uaine agus pinc.
Chan eil fhios dè thug air an fhear seo siubhail cho fada ri Hiort.