BBC Naidheachdan

Alba air taghadh

Published
Madainn mhath agus fàilte gu Alba air taghadh. Bidh sinn an seo tron oidhche leis na naidheachdan as ùire, beachdan agus anailis mu bhòt an là an-dè.
An-dè, an 18mh là den t-Sultain, chaidh faighneachd do shluagh na h-Alba "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"
An dèidh bhliadhnaichean de dheasbad agus de dh'iomairt on dà thaobh, tha Alba air taghadh.
Dhùin na h-ionadan-bhòtaidh aig 10:00f Diardaoin.
Gu h-ìosal, chìthear toradh na bhòta a rèir gach sgìre.
8:21m

Na h-àireamhan airson Alba air fad

Bhòtaichean air fad: 3,619,915 (84.5%)
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 1,617,989 (44.7%)
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 2,001,926 (55.3%)
8:13m

Comhairle na Gàidhealtachd - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle na Gàidhealtachd.
Bhòtaichean air fad: 165,976
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 86.9%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 78,069
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 87,739
7:44m
'An RA nas làidire'

Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband

tweets: "Tha ar Rìoghachd Aonaichte nas làidire an-diugh na bha i an-dè."
7.36m

Alba air taghadh beò air BBC ALBA

Tha an deasbad seachad - tha Alba air taghadh.
Bidh Iain MacIlleathain a' faighinn beachdan bho air feadh na rìoghachd air buil na bhòt.
Bidh na naidheachdan as ùire aig Angela NicIlleathain, 's bidh Mìcheal MacNèill agus Niall O'Gallagher a' toirt mìneachaidh air dè tha romhainn uile a-nis.
Cuimhnichibh air Alba air taghadh beò air BBC ALBA aig 6.00f.
7:32m
Darling: 'A' mhòr-chuid a bha sàmhach air bruidhinn'
Thug ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, taing dhan h-uile duine a bh' air a bhith ag obair gu cruaidh gus buaidh fhaighinn, ag ràdh: "Chuir sinn aghaidh ris an argamaid agus bhuannaich sinn. Tha a' mhòr-chuid a bha sàmhach air bruidhinn."
7:14m

Salmond air gabhail ris a' chall

"Bidh mòr-chuid ann airson na h-iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd. Tha e cudromach a ràdh gur e pròiseas aonaichte a bh' anns an referendum againn.
"Tha Alba, le mòr-chuid, air co-dhùnadh gun, aig an ìre seo, a dhol na dùthaich neo-eisimeilich.
"Tha mise a' gabhail ri breith nan daoine, agus tha mi a' guidhe gun lean Alba gu lèir ann a bhith a' gabhail ri breith dhreamocrataich mhuinntir na h-Alba."
6:09m

Alba a' fuireach anns an Aonadh

Chaidh a ghairm gu h-oifigeil gu bheil Alba a' fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte.
6:08m

Comhairle Fìobha - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Fìobha.
Bhòtaichean air fad: 254,162
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 84.1%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 114,148
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 139,788
6:03m

Comhairle Mhoireibh - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Mhoireibh.
Bhòtaichean air fad: 64,205
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 85.4%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 27,232
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 36,935
5:56m

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Bhòtaichean air fad: 63,516
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 88.2%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 26,324
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 37,143
5:55m

Comhairle Bhaile Dhùn Èideann - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Bhaile Dhùn Èideann.
Bhòtaichean air fad: 318,565
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 84.3%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 123,927
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 194,638
5:54m

Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain.
Bhòtaichean air fad: 179,943
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 87%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 71,337
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 108,606
5:11m

Comhairle Shiorrachd Àir an Ear - Cha bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Àir an Ear.
Bhòtaichean air fad: 84,262
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 84.5%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 39,762
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 44,442
5:08m

Comhairle Shiorrachd Àir a Deas - Cha bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Deas.
Bhòtaichean air fad: 81,716
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 86.1%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 34,402
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 47,247
5:04m

Comhairle Lodainn an Iar - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Lodainn an Iar.
Bhòtaichean air fad: 119,024
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 86.1%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 53,342
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 65,682
5:02m

Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath - Cha bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath.
Bhòtaichean air fad: 96,173
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 84.4%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 47,072
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 49,016
4:59m

Comhairle nan Crìochan - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle nan Crìochan.
Bhòtaichean air fad: 83,526
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 87.4%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 27,906
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 55,553
4:54m

Comhairle Baile Ghlaschu - Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Baile Ghlaschu.
Bhòtaichean air fad: 364,664
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 75%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 194,779
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 169,347
4:49m

Comhairle Shiorrachd Pheairt is Chinn Rois - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Pheairt is Chinn Rois.
Bhòtaichean air fad: 104,285
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 86.9%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 41,475
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 62,714
4:49m
Comhairle Lannraig a Deas - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt
Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Lannraig a Deas.
Bhòtaichean air fad: 222,790
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 85.3%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 100,990
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 121,800
4:45m

Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath - Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath.
Bhòtaichean air fad: 226,883
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 84.4%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 115,783
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 110,922
4:37m

Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear.
Bhòtaichean air fad: 66,021
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 90.4%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 24,287
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 41,690
4:36m

Comhairle Bhaile Obar Dheathain - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Bhaile Obar Dheathain.
Bhòtaichean air fad: 143,664
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 81.7%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 59,390
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 84,220
4:35m

Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh.
Bhòtaichean air fad: 106,653
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 87.4%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 36,614
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 70,039
4:34m

Comhairle Shiorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear.
Bhòtaichean air fad: 79,011
Àireamh sa cheud den t-sluagh a bhòt: 91%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 30,624
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 48,314
4:28m

Comhairle Mhachaire Aonghais - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Mhachaire Aonghais.
Bhòtaichean air fad: 80,302
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 85.7%.
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 35,044
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 45,192
4:21m

Comhairle na h-Eaglaise Brice - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle na h-Eaglaise Brice.
Bhòtaichean air fad: 108,626
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 88.7%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 50,489
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 58,030
4:17m

Comhairle Shruighlea - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shruighlea.
Bhòtaichean air fad: 62,225
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 90.1%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 25,010
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 37,153
4:16m

Comhairle Lodainn an Ear - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Lodainn an Ear.
Bhòtaichean air fad: 71,798
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 87.6%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 27,467
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 44,283
4:12m

Comhairle Mheadhan Lodainn - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Mheadhan Lodainn.
Bhòtaichean air fad: 60,395
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 86.8%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 26,370
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 33,972
4:09m

Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar - Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar.
Bhòtaichean air fad: 62,532
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 87.9%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 33,720
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 28,776
3:59m

Comhairle Shiorrachd Rinn Friù - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Rinn Friù.
Bhòtaichean air fad: 117,612
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 87.3%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 55,466
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 62,067
3.56m

Comhairle Bhaile Dhùn Dèagh - Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Bhaile Dhùn Dèagh.
Bhòtaichean air fad: 95,592
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 78.8%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 53,620
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 39,880
3:35m

Comhairle Inbhir Chluaidh - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Inbhir Chluaidh.
Bhòtaichean air fad: 54,601
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 87.4%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 27,243
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 27,329
3:22m

Comhairle nan Crìochan

Tha am BPA Tòraidheach, Iain MacLaomainn, air a ràdh gu bheil esan air leth misneachail fhad 's a tha am BPA Nàiseantach, Pòl Wheelhouse, mì-thoilichte leis mar a thathas den bheachd a tha bhòt nan Crìochan a' dol.
Chuir am fear-naidheachd, Kerr Gibb, dealbhan na bu tràithe agus an luchd-cunntaidh a' coimhead trang.
3:08m

Derek MacAoidh

tweets: "Bhòtaichean teagmhach gan sgrùdadh an Glaschu, agus an cunntadh seachad. Dh'fhaodadh nach eil sinn fad às... #Albaindyref"
3:06m

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha dùil ri na bogsaichean-baileat mu dheireadh a dh'aithghearr. Thathas a' tuairmse gum bi fios cia mheud duine a bhòt mu 4:00m. Aig an ìre seo, tha coltas nas dòigheile air luchd-iomairt Cha Bu Chòir.
3:01m

Comhairle nan Eilean Siar - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle nan Eilean Siar.
Bhòtaichean air fad: 19,758
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 86.2%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 9,195
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 10,544
Thuirt Alasdair Moireasdan, a bha ag iomairt anns na h-Eileanan Siar airson Nas Fheàrr Còmhla, gu bheil muinntir nan eilean air an cùlaibh a chur ri poileataigs an SNP.
"Bha sinn an còmhnaidh sàmhach, agus iriseil le ar beachd tron iomairt a bha seo. Bha sinn a' faicinn 's ag èisteachd ri daoine a bha ag innse dhuinne ann an dòigh shocair, chothromach, gun robh iad a' dol a bhòtadh airson Alba a chumail an taobh a-staigh an Aonaidh. Tha e a-niste fìor. Agus cha-mhòr nach eil e do-chreidsinneach dhuinn gu bheil am beàrn cho mòr eadar sinn fhèin agus na Nàiseantaich. Tha e follaiseach gu bheil muinntir nan Eilean Siar air an cùlaibh a chur ri poileataigs nan Nàiseantach, agus an tacsa a chur ri Alba a chumail ann am Breatainn.
"Bha an dà iomairt gu math eadar-dhealaichte. Bha iadsan buaireanta, bha iad dha-rìribh follaiseach, agus a' dol timcheall a' feuchainn ri rud a reic nach robh na daoine a' gabhail ris. Bha an iomairt againne bha i nas socaire, agus nas dòigheile, agus mar a tha dearbhadh againn a-niste, bha daoine ag èisteachd ris an iomairt againne. "
Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a bha ag iomairt airson Bu Chòir, gur e briseadh dùil a bh' anns an toradh.
"Bhiodh e gòrach a ràdh nach e briseadh dùil a th' ann air mo shonsa. Chì sinn dè thachras ann an Alba air fad, ach 's e briseadh dùil a th' ann. Ach aig an aon àm bha e math agus bha e falainn gun robh deasbad cho falainn a' gabhail àite ann an Alba, agus cuideachd gun robh daoine a' tionndadh a-mach ann an àireamhan cho mòr.
Chan eil an Dr Allan a' gabhail ris na thuirt Mgr Moireasdan, gun robh an iomairt Bu Chòir "buaireanta".
"Tha mi a' smaoineachadh gun robh a' mhion-chuid air an dà thaobh anns an deasbad seo a' tuiteam a-mach gu nàiseanta, ach tha mi a' smaoineachadh gun robh na postairean againne air an tarraing sìos le cuideigin. Chan ann le Alasdair a bha iad, agus chan ann leamsa a bha na postairean air an taobh eile a' tighinn sìos. Agus aig deireadh an là, chan eil lamp-posts a' bhòtadh. 'S e muinntir na h-Alba a tha a' bhòtadh, agus tha mi a' smaoineachadh gur e deasbad tòrr nas modhaile na sin a bh' ann."
2:52m

Alba air taghadh beò air BBC ALBA

Tha an deasbad seachad - tha Alba air taghadh.
Bidh Iain MacIlleathain a' faighinn beachdan bho air feadh na rìoghachd air buil na bhòt.
Bidh na naidheachdan as ùire aig Angela NicIlleathain, 's bidh Mìcheal MacNèill agus Niall O'Gallagher a' toirt mìneachaidh air dè tha romhainn uile a-nis.
Cuimhnichibh air Alba air taghadh beò air BBC ALBA aig 6.00f.
2:44m

Comhairle Shealtainn - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shealtainn.
Bhòtaichean air fad: 15,635
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 88.4%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 5,669
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 9,951
2:38m

Beò tron oidhche

Faic dealbhan de na seòid a th' anns an stiùidio ann an Inbhir Nis an seo.
2:28m

Na h-Eileanan Siar

Tha dùil ri buil na bhòt ann an cairteal na h-uarach.
2:10m

Catrìona NicIllinnein, Na h-Eileanan Siar

Leis an luchd-cunntaidh a' dèanamh adhartais, thathas a-nis air tuairmse a dhèanamh gur dòcha gum faighear buil na bhòt mu 2:30m.
2:04m

Alba air taghadh beò air BBC Radio nan Gàidheal

Cuimhnichibh gu bheil Dòmhnall Moireasdan agus Seumas Dòmhnallach, cuide ri aoidhean sònraichte, beò air an èadhar tron oidhche gus toradh na bhòta a thoirt thugaibh.
2:02m

Comhairle Arcaibh - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Arcaibh.
Bhòtaichean air fad: 14,907
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 83.7%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 4,883
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 10,004
2:00m

Derek MacAoidh

tweets: "75% den luchd-bhòtaidh air bhòtadh ann an Glaschu, 364,664. Bha mu 40% ann ann an taghadh Phàrlamaid na h-Alba 2011 #AlbaIndyRef"
1:53m
Tha an dithis fhear-naidheachd, Iain MacDiarmaid agus Ailean MacLeòid, ann an Ceàrnag Sheòrais an Glaschu, far a bheil luchd-iomairt Bu Chòir air a bhith a' cruinneachadh fad làithean.

BBC Naidheachdan

tweets: "Seo an fheadhainn a tha fhathast ann an #GeorgeSquare #albaindyref"
1:30m

Comhairle Shiorrachd Chlach Mhanainn - Cha Bu Chòir air buaidh a thoirt

Chaidh buil na bhòt fhoillseachadh ann an Comhairle Shiorrachd Chlach Mhanainn.
Bhòtaichean air fad: 35,410
Àireamh sa cheud de dhaoine a bhòt: 88.6%
Bhòtaichean airson Bu Chòir: 16,350
Bhòtaichean airson Cha Bu Chòir: 19,036
1:25m

Comhairle Arcaibh

Tha dùil ri buil na bhòt seo a dh'aithghearr cuideachd - an e iad fhèin no Comhairle Shiorrachd Chlach Mhanainn a thèid a ghairm an toiseach?
1:17m

Na h-Eileanan Siar

Tha am plèana le pàipearan-baileat nan eileanan a deas air laighe ann an Steòrnabhagh.
1:14m

Catrìona NicIllinnein, Na h-Eileanan Siar

Dh'fhàg am plèana le pàipearan-baileat nan eileanan a deas Beinn na Fadhla aig 00:22 agus tha dùil rithe ann an Steòrnabhagh mu 1:00m.
Bha mì-chinnt ann na bu tràithe mu ciamar a dheadh na pàipearan a thoirt gu tuath agus ceò air feadh nan eilean.
1:06m
Fhad 's a tha sinn a' feitheamh.. dh'fhoillsich am fear-naidheachd, Derek MacAoidh, dealbh de thè gu math ainmeil air Twitter na bu tràithe.

Derek MacAoidh

tweets: "Te dè rionnagan "Bu Chòir", Elaine C. Smith, a' bruidhinn ri na meadhanan an Glaschu #albaindyref"
1:05m

Comhairle Shiorrachd Chlach Mhanainn

Tha dùil ri buil na bhòt a dh'aithghearr - nas tràithe na bha dùil.
1:01m

A' Bhanrigh

Tha coltas gum foillsich a' Bhanrigh brath sgrìobhte feasgair Dihaoine.
0:59m

Derek MacAoidh

tweets: "Casaidean foill air nochdadh mu dheich bhòtaichean an Glaschu. Daoine a nochd, 's e air innse dhaibh gun do bhòt iad mar-thà #albaindyref"
0:45m

Luchd-bhòtaidh ùr ann am Peairt

Chuir an tè-naidheachd, Maureen NicLeòid, dealbh à Peairt de bhuidheann de dheugairean a th' air bhòtadh airson a' chiad turas.
0:30m

Alba air taghadh beò air BBC Radio nan Gàidheal

Cuimhnichibh gu bheil Dòmhnall Moireasdan agus Seumas Dòmhnallach, cuide ri aoidhean sònraichte, beò air an èadhar tron oidhche gus toradh na bhòta a thoirt thugaibh.
0:16m
Ach, tha cùisean air atharrachadh ann an Ceann Loch Gilp...

Andreas Wolff

tweets: "Thòisichear a' cunntadh. Dùil ri buill a' bhot às dèidh 3m. #indyref"
0:12m

Ionadan-taghaidh

Tha luchd-naidheachd BBC Naidheachdan air a bhith a' foillseachadh dhealbhan bho ionadan-taghaidh air feadh na h-Alba.
O chionn beagan uairean a thìde bha cùisean fhathast caran sàmhach ann an Ceann Loch Gilp.
0:02m

Na nochd aig an taghadh

Tha coltas aig an ìre seo gu bheil an àireamh de dhaoine a bhòt air feadh na dùthcha air leth àrd.
0:00m

Alba air taghadh beò air BBC Radio nan Gàidheal

Tha Dòmhnall Moireasdan agus Seumas Dòmhnallach, cuide ri aoidhean sònraichte, beò air an èadhar tron oidhche gus toradh na bhòta a thoirt thugaibh.