Salmond a' toirt slaic air "Sgioba Westminster"
- Air fhoillseachadh
Tha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, air na h-oidhirpean aig Daibhidh Camshron, Ed Miliband agus Nick Clegg gus Alba a ghleidheadh san RA a chaitheamh a-mach.
A' bruidhinn aig tachartas Bu Chòir ann an Dùn Èideann, thuirt Mgr Salmond gur ann a bha an triùir cheannardan coltach ri "Sgioba Westminster".
Mhol e cuideachd gum bu chòir uallach a bhith orra mu an cuid obraichean.
Thàinig seo agus Mgr Camshron, Mgr Miliband agus Mgr Clegg air siubhal a dh'Alba air thoiseach air referendum na h-ath-sheachdain.
Tha cunntasan-bheachd air sealltainn o chionn ghoirid gu bheil iomairt an referendum air fàs air leth teann.
'Sgioba na h-Alba an aghaidh Sgioba Westminster'
Thuirt Mgr Salmond: "An-diugh, 's e a th' againn ach eisimpleir de Sgioba na h-Alba an aghaidh Sgioba Westminster.
"Tha farsaingeachd agus ruigsinneachd na h-iomairt Bu Chòir follaiseach dhan a h-uile duine - chan ann mu Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, am Pàrtaidh Uaine no pàrtaidhean poileataigeach a tha seo. Tha e a' dol tro chomann-shòisealta na h-Alba air fad.
"'S e a tha sinn a' faicinn an-diugh bho thaobh eile an deasbaid, Sgioba Westminster a' sgèith suas a dh'Alba airson là air sgàth 's gu bheilear a' clisgeadh san iomairt.
"Tha sinne airson 's gum bi pàrlamaid làidir againn a tha comasach air obraichean a chruthachadh do dh'Alba. Tha coltas gur ann air na h-obraichean aca fhèin a tha aire Sgioba Westminster."
Ach thuirt Mgr Salmond a-rithist nach robh iomairt "Bu Chòir Alba" ag iarraidh ro-bheachdan sam bith a dhèanamh, le beagan is seachdain ri dhol ron a' bhòt air an 18mh là den t-Sultain.
Thuirt am Prìomh Mhinistear: "Thairis air na mìosan mu dheireadh, agus gu dearbha sna seachdainean a dh'fhalbh, tha sinn air a bhith a' conaltradh ri ar co-luchd-dùthcha.
Gluasad
"Chan eil sinn a' dèanamh ro-bheachdan mu bhòt na h-ath-sheachdain ach, a dh'aindeoin sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil an fhianais a' sealltainn gu bheil barrachd is barrachd de ar co-luchd-dùthcha a' fàs nas cinntiche às na h-argamaidean aig "Bu Chòir". Gun teagamh 's ann a dh'ionnsaigh "Bu Chòir" a tha an gluasad.
Le barrachd taic, a rèir coltais, ga toirt don iomairt airson neo-eisimileachd, tha pàrtaidhean an Aonaidh air sùil às ùr a thoirt air an cuid phlanaichean gus barrachd chumhachdan a thoirt do Holyrood, ma thèid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.
Thuirt Alasdair Darling, a tha os cionn na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, gun robh na nàiseantaich "mì-mhodhail" agus "gràineil" a' toirt "Sgioba na h-Alba" orra fhèin agus "Sgioba Westminster" air an luchd-dùbhlain.
"Tha fios againn cò air a bheil e a-mach an seo - nach eil còir aig daoine nach eil air an taobh aigesan èisteachd fhaiginn, nach eil iad dha-rìribh tìr-ghràdhach, dha-rìribh Albannach.
"Tha e gu tur mì-mhodhail do mhòran dhaoine ann an Alba, tha e gu tur gràineil agus chan eil adhbhar sam bith air a shon."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 10 An t-Sultain 2014