Duine ga lorg air a' Chliseam
- Air fhoillseachadh

Chuir an duine oidhche seachad air a' Chliseam.
Chaidh cobhair a dhèanamh air fireannach a bh' ann an èiginn air a' Chliseam anns na Hearadh.
Chaidh an duine, 62, a dhìth Dimàirt, 's e na phàirt de bhuidheann a bha a' sreap na beinne.
Thòisich luchd-teasairginn iomairt mu 3.30f Dimàirt ach cha robh sgeul air an duine agus chuir e seachad an oidhche a-muigh.
Fhuair heileacoptair nam maor-cladaich lorg air mu 8.35m Diciadain agus chaidh a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.
Chan eil fios aig an ìre seo ciamar a tha an duine.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh