Là mòr na camanachd

Cupa na Camanachd Image copyright Neil G Paterson
Image caption Cò thogas Cupa na Camanachd Disathairne?

Thèid an duais as cliùitich ann an iomain a thoirt seachad Disathairne is Ceann a' Ghiuthsaich agus Gleann Urchadain gus farpais airson Cupa na Camanachd aig Pàirc a' Bhucht.

Chan eil iad air coinneachadh sa chuairt dheireannaich ach aon turas roimhe, is Ceann a' Ghiuthsaich a' soirbheachadh 4-2 ann an 1988.

B' e sin an aon turas ron a seo a ràinig an Gleann a' chuairt dheireannach idir.

B' e Ally Mac an Tòisich bhon Ghleann a fhuair bonn Albert Mhic a' Ghobhainn an là ud is bidh a mhac, Stiùbhart, eadar na puist Disathairne.

Tha Stiùbhart cho math ri fear-glèidhidh sam bith eile sa gheama is le leithid Lewis MacIllinnein, Iain Barr, Friseal Heath is Seumas Mac a' Phearsain am measg eile a' cur taic ris, tha sgioba air leth comasach aig a' Ghleann.

Taic

Bidh taic mhòr aca Disathairne.

"Tha a' choimhearsnachd air fad gar stad agus ag ràdh rinn gun urrainn dhuinn an geama seo a bhuannachadh", thuirt Friseal Heath.

"Chan eil sinn a' faicinn sin tric agus tha e a' toirt togail dhuinn gu bheil an taic sin againn", thuirt e.

Tha barrachd eòlais aig a' ghinealach seo cuideachd air geamaichean mòra na bh' aig seòid 1988 is iad air Cupa MhicAmhlaigh a bhuannachadh ann an 2012 agus cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais a ruighinn ann an 2013 is 2014.

Chan eil cuimhnichean cho math aca air na geamaichean sin is an nàbaidhean Lòbhat a' dèanamh a' ghnothaich orra air buillean-peanais ann an 2013 agus an uair sin a' toirt pronnadh orra 5-1 ann an cuairt dheireannach na bliadhna seo.

Leasan

Ma tha leasan idir ann dhan Ghleann bhon gheama sin 's e nach urrainn dhaibh tòiseachadh gu slaodach.

Bhuannaich iad às dèidh dhaibh a dhol air deireadh an aghaidh nan Sgitheanach san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd agus an aghaidh Inbhir Aora sa chairteal chuairt dheireannaich, ach tha cluicheadaran aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich nas cunnartaiche is nas buailtiche brath a ghabhail air cothroman.

Nam measg, tha Raghnall Ros agus an cluicheadair as fheàrr de a ghinealach - no ginealach sam bith ann am beachd chuid - air tilleadh do sgioba Chinn a' Ghiuthsaich.

Image copyright Other
Image caption Geansaidh sònraichte Chinn a' Ghiuthsaich a tha a' cuimhneachadh air gaisgich 1914.

Tha ceist ann mu cho fut 's a tha Ros ach air a' cheann thall bha gnothach mòr aige ri soirbheachas Chinn a' Ghiuthsaich san iar-chuairt dheireannaich is e a' cur a dhà oidhirp aige anns na buillean-peanais an aghaidh a' Ghearasdain dhan lìon.

Fiù 's mura h-eil e aig an ìre seo, bha e an uair a bhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich Cupa na Camanachd mu dheireadh ann an 2006, faodaidh Ros cron mòr a dhèanamh air planaichean a' Ghlinne.

Cunnartach

Bu chòir a ràdh nach eil Raghnall leis fhèin is Savio Genini òg air barrachd thadhail a chur dhan sgioba am bliadhna na duine eile, is Tòmas Borthwick cuideachd air leth cunnartach.

"Tha Raghnall air ais agus chuireadh sgioba sam bith fàilte air", thuirt fear eile bho Cheann a' Ghiuthsaich le èolas gu lèor, Seumas MacUisdein.

"Còmhla ris an fheadhainn òga tha measgachadh glè mhath againn agus tha e follaiseach gu bheil sinn a' cur barrachd thadhail.

"Tha e cus ro fhada bho bhuannaich sinn an cupa is tha sinn ga iarraidh air ais", thuirt e.

Ma tha ceist idir ann mu Cheann a' Ghiuthsaich, 's dòcha gur ann aig a' chùl a tha e agus bidh an Gleann ag amas air uallach gu lèor a chur air an luchd-dìon.

Cuimhneachadh

Bidh Ceann a' Ghiuthsaich a' cur orra geansaidhean sònraichte Disathairne gus cuimhneachadh air sianar a chluich dhaibh sa chuairt dheireannaich ann an 1914 agus nach do thill an uair sin bhon Chogadh Mhòr.

Bidh crom-lus agus ainm chluicheadair bho 1914 air gach geansaidh.

Eachdraidh gu mòr an lùib là mòr na camanachd ma-tha - 's e a' cheist cò nì eachdraidh air a' phàirc Disathairne.

Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal Disathairne bho 2:00f.

Chìthear an geama cuideachd air BBC 2 Scotland bho 2:15f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile