Tagraidhean gus an t-Aonadh a ghlèidheadh

Daibhidh Camshron, Nick Clegg agus Ed Miliband Image copyright Getty Images
Image caption Tha Mgr Camshron, Mgr Clegg is Mgr Miliband uile air taic a thoirt don phlana gnìomha a chaidh fhoillseachadh le Gòrdan Brown.

Tha ceannardan prìomh phàrtaidhean na RA air tagraidhean a dhèanamh airson bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba, 's iad ag iomairt thairis air a' chrìch air thoiseach air an referendum.

Ann an Dùn Èideann, rinn am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, tagradh dùrachdach gus Alba a chumail san Aonadh, ag ràdh: "Tha barrachd gràidh agam dham dhùthaich na th' agam dha mo phàrtaidh".

Thuirt e gum biodh bhòt "Bu Chòir" na "briseadh-cridhe" dha.

Thuirt ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gun robh cùis an Aonaidh a' tighinn "bhon cheann, bhon chridhe 's bhon anam". Chuir ceannard nan Lib-Deamach cuideachd ìmpidh air muinntir na h-Alba bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Thuirt Prìomh Mhinstear na h-Alba, Ailig Salmond, nach gabhadh earbsa a chur anns an luchd-dùbhlain.

Nàbaidhean

Sheachain Mgr Camshron agus Mgr Miliband Àm Cheistean a' Phrìomhaire aig Taigh nan Cumantan airson a dhol a dh'Alba a dh'iomairt.

Ged a bha an triùir cheannardan ag iomairt fa leth, b' e an aon teachdaireachd a bh' aca dhan luchd-bhòtaidh - mar nàbaidhean, cumaibh Alba taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

Tha Mgr Camshron, Mgr Clegg agus Mgr Miliband uile air taic a thoirt don phlana ghnìomha a chaidh fhoillseachadh leis an t-seann phrìomhaire, Gòrdan Brown.

Thuirt iad gun deadh obair a thòiseachadh gus barrachd chumhachdan a sgaoileadh air an 19 là den t-Sultain, an là an dèidh an referendum.

Image copyright Getty Images
Image caption Rinn am Prìomhaire tagradh dùrachdach gus Alba a chumail san Aonadh.

A' bruidhinn ann an Dùn Èideann, dh'innis am Prìomhaire don luchd-èisteachd gum biodh daoine tric a faighneachd dha, co-dhiù biodh e na b' fhasa dhan Phàrtaidh Tòraidheach taghaidhean Westminster a bhuannachadh às aonais Alba, far nach eil ach aon BP Tòraidheach an-dràsta.

"'S e am freagairt a th' agam dhan sin, tha tòrr a bharrachd diù agam dham dhùthaich na th' agam dham phàrtaidh," thuirt am Prìomhaire.

"Tha gràdh mòr agam dhan dùthaich iongantaich seo, an Rìoghachd Aonaichte a thog sinn còmhla.

"Bhiodh e na bhriseadh-cridhe dhomh nan deadh an teaghlach de nàiseanan a tha sinn air a chur ri chèile - agus tha sinn air rudan cho mìorbhaileach a dhèanamh còmhla - nan deadh an teaghlach de nàiseanan a reubadh às a chèile."

'Dà shealladh'

Thuirt Mgr Camshron cuideachd nach gabhadh buil na bhòta atharrachadh, ag ràdh: "Leis gur e baileat a th' ann, tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine den bheachd gu bheil e caran coltach ri taghadh choitcheann, gu bheil thu a' dèanamh co-dhùnadh agus, an dèidh còig bliadhna, gu bheil co-dhùnadh eile agad ri dhèanamh, agus ma tha thu seachd searbh sgìth de Thòraidhean na mallachd, gun toir thu dhaibh breab 's gur dòcha gun dèan thu tuilleadh smaoineachaidh.

"Tha seo gu tur eadar-dhealaichte bho thaghadh choitcheann. Chan ann mun ath chòig bliadhna a tha an co-dhùnadh seo, 's ann a tha an co-dhùnadh mun ath-linn."

Rinn Mgr Camshron, a sheachain Àm Cheistean a' Phrìomhaire aig Taigh nan Cumantan airson tighinn a dh'Alba a dh'iomairt, argamaid nach ann mu "Alba an aghaidh Bhreatainn" a tha an referendum, ach mu dhà shealladh farpaiseach de dh'Alba.

Thuirt e gun robh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd mu bhith a' glèidheadh pròis Albannach, gràdh-dùthcha agus nàiseanachas, a thuilleadh air a bhith a' fuireach mar phàirt de theaghlach de nàiseanan.

Image copyright Getty Images
Image caption Rinn am Prìomhaire tagradh dùrachdach gus Alba a chumail san Aonadh.
Image copyright Getty Images
Image caption Bha Nick Clegg ag iomairt ann an Selkirk air thoiseach air an referendum.

Thuirt am Prìomhaire gum piobraicheadh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd "gluasad air leth luath agus ioma-chuimseach" gus dèanamh cinnteach gun robh barrachd chumhachdan tiomnaichte aig Alba.

Cuideachd a' cur taic ri bhòt "Cha Bu Chòir", thuirt Mgr Miliband, 's e a' bruidhinn ann an ionad-coimhearsnachd ann an Comar nan Allt: "Tha mi an-diugh airson a' chùis a thaisbeanadh dhuibh, bhon cheann, bhon chridhe 's bhon anam.

"Tha mi airson a' chùis a thaisbeanadh dhuibh bhon cheann, agus 's e sin gu bheil sinn nas làidire còmhla leis gum bi e comasach dhuinn sòisealtas nas cothromaiche, nas dìriche, a chruthachadh.

"Tha mi airson a' chùis a thaisbeanadh dhuibh bhon chridhe, air sgàth nan ceanglaichean a tha eadarainn agus a dh'fhaodadh a bhith air an reubadh bho chèile ri linn sgaradh.

"Tha mi airson a' chùis a thaisbeanadh dhuibh bhon anam, leis gur ann an talla coltach ri seo a chaidh ar gluasad a chruthachadh o thùs air bun-stèidh dhìlseach - dìlseachd a th' air buidhnean stèidhichte leithid Seirbheis Nàiseanta na Slàinte a thoirt gu buil."

Thuirt ceannard nan Làbarach gun deadh "ceann-ama lìbhrigidh" a thaobh cumhachdan a bharrachd a chur air chois leis an ath riaghaltas Làbarach ann an Westminster, ag ràdh ri luchd-bhòtaidh na h-Alba: "Fuirichibh còmhla rinn.

"Fuirichibh còmhla rinn oir tha sinn nas làidire còmhla. Fuirichibh còmhla rinn gus an toir sinn atharrachadh air Breatainn còmhla."

'Caibideal ùr'

Bha Mgr Clegg ag iomairt ann an Selkirk air taobh deas na h-Alba, sgìre far an àbhaist do na Lib-Deamaich a bhith soirbheachail.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear: "Tha an teaghlach de nàiseanan a tha a' dèanamh suas an Rìoghachd Aonaichte air rudan iongantach a dhèanamh rè ùine mhòir.

"Tha sinn air cur às do faisisteachas san Roinn Eòrpa, tha sinn air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte a chruthachadh, tha sinn air am BBC a chruthachadh, bha Team GB soirbheachail aig na Geamaichean Oilimpigeach - nach lean sinn oirnn a' dèanamh nan rudan a tha sinn a' dèanamh cho math còmhla, ach, aig a' cheart àm, a' tòiseachadh air caibideal ùr far an tèid barrachd chumhachdan tiomnaichte a thoirt do dh'Alba cuideachd."

Thuirt e cuideachd: "Bidh chan e a-mhàin mo ghinealach fhèin, ach mo chuid cloinne, m' oghaichean agus na ginealaichean ri teachd, nas miosa dheth, nas bochda, mì-shàbhailte, agus mì-thèarainte, ma tha diofar phàirtean den Rìoghachd Aonaichte a' cur cùlaibh ri càch a chèile.

"'S e co-dhùnadh fìor chudromach a tha seo. 'S e co-dhùnadh a sheasas gu bràth a th' ann."

Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Mgr Salmond gur ann a bu chòir uallach a bhith air an triùir cheannardan mu an obraichean fhèin.

Ach thuirt Mgr Salmond, a bha ag iomairt às leth na h-iomairt Bu Chòir, gur ann a bu chòir uallach a bhith air an triùir cheannardan mu an obraichean fhèin, le cunntasan-bheachd a' sealltainn o chionn ghoirid gun robh iomairt an referendum air fàs air leth teann.

Thuirt Mgr Salmond: "An-diugh, 's e a th' againn ach eisimpleir de Sgioba na h-Alba an aghaidh Sgioba Westminster.

"Tha farsaingeachd agus ruigsinneachd na h-iomairt Bu Chòir follaiseach dhan h-uile duine - chan ann mu Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, am Pàrtaidh Uaine no pàrtaidhean poileataigeach a tha seo. Tha e a' dol tro chomann-shòisealta na h-Alba air fad.

"'S e a tha sinn a' faicinn an-diugh bho thaobh eile an deasbaid, Sgioba Westminster a' sgèith suas a dh'Alba airson là air sgàth 's gu bheilear a' clisgeadh san iomairt."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile