Dòchas ùr do dh'Achadh na Creige

  • Air fhoillseachadh
Seann sgoil Achadh na Creige.Tùs an deilbh, Hugh Venables / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Tha luchd-iomairt airson an togalach a ghlèidheadh agus a chur gu feum mar ghoireas dhan choimhearsnachd.

Tha comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid air an cùl a chur ri plana gus seann togalach Sgoil Achadh na Creige anns an Òban a reic airson taigheadais.

Ghluais Bun-sgoil Achadh na Creige às an togalach gu làraich ùir ann an Soroba sa bhaile ann an 2007.

Bha an t-seann togalach, a thogadh ann an linn Bhictoria, na thàmh bhon uair sin.

Bha comhairlichean a' beachdachadh air an sgoil a reic ri buidhinn taigheadais a bha 'son a leagal agus taighean a thogail air an làraich.

Goireas

Chaidh luchd-iomairt air an casan is iadsan airson is gum biodh an togalach ga ghlèidheadh mar ghoireas dhan choimhearsnachd.

Aig coinneimh Diciadain, dh'aontaich comhairlichean gus cothrom a thoirt do dh'Urras Coimhearsnachd an Òbain an togalach a cheannach.

Bidh aca a-nise ri plana gnìomha a thoirt air adhart air na molaidhean aca gus ionad ealain is gnìomhachais a stèidheachadh san togalach.

Beachdaichidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a' phlana ghnìomha sin sa Ghearran.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh