Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thuirt Banca Dhail Chluaidh gu bheil iad a' beachdachadh air an oifis chlàraichte a ghluasad a Shasainn nam biodh bhòt ann airson neo-eisimeileachd do dh'Alba. Tha seo an dèidh do Bhanca Rìoghail na h-Alba agus Banca Lloyds innse gu bheil plana acasan airson cuid den obair a chur deas nan tigeadh neo-eisimeileachd. Tha am Banca Rìoghail air innse mar-thà dhan 11,500 duine a tha ag obair aca an Alba nach tèid iadsan, no an obair a tha iad a' dèanamh, a ghluasad. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' fàgail air Roinn an Ionmhais ann an Lunnainn gun do bhrist iad riaghailtean an ionmhais le fiosrachadh a' sgaoileadh dha na margaidhean mun Bhanca Rìoghail, agus chur esan litir a' gearan gu ceannard na seirbheis catharra agus dhan Phrìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron.

Kerry

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, anns an Ear Mheadhanach ag iarraidh taic nan ceannardan Arabach dhan innleachd ùr an aghaidh feachdan na Stàit Ioslamaich. Thuirt an Ceann-suidhe Obama a-raoir gun cuireadh Aimearagaidh às dha na feachdan radaigeach agus gun leudaich ionnsaighean bhon adhair gu ruige Siria, a bharrachd air Iorac.

Pistorius

Thòisich britheamh a' toirt seachad a breith an-diugh, ann am Pretoria ann an Afraga a Deas, air an lùth-chleasaiche, Oscar Pistorius. Tha Pistorius, aig a bheil bonn òr Paralympic, a' dol às àicheadh gun do mhurt e a leannan, Reeva Steenkamp, aig a dhachaigh anns a' Ghearran an-uiridh. Tha esan a' cumail a-mach gun do loisg e orra le gunna agus e den bheachd gur e cuideigin eile a bh' air briseadh a-staigh dha dhachaigh.

An Ruis

Tha oifigich an Aonaidh Eòrpaich a' deasbad casg-bhannan ùr an aghaidh na Ruis, ach tha iad ag ràdh nach bi co-dhùnadh ann gus am beachdaich iad an toiseach air an t-suidheachadh às ùr anns an Ugràin. Thuirt Ceann-Suidhe na h-Ugràin, Petro Poroshenko, an-dè gun tug an Ruis a' mhòr-chuid de na feachdan armaichte aice a-mach às an dùthaich.

Loidhne dealain

Tha dragh air feadhainn a rinn strì an aghaidh na loidhne dealain eadar a' Mhanachainn agus meadhan na h-Alba gu bheil plana ann airson loidhne eile de chrainn, den aon t-seòrsa, eadar taobh sear Rois agus Moireibh. Ach thuirt Scottish Hydro Electric Transmission nach bi leasachadh sam bith ann air an loidhne eadar a' Mhanachainn agus Baile Chè gu an dèidh 2020.