Alba "an ìmpis eachdraidh a dhèanamh"
- Air fhoillseachadh

Tha am Prìomh Mhinistear air fàisneachd a dhèanamh gu bheil Alba "an ìmpis eachdraidh a dhèanamh" tro bhith a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd.
Thug Ailig Salmond cunntas air an referendum air neo-eisimileachd mar "phròiseas ùghdarachaidh nàiseanta" agus thuirt e gun robh an dùthaich "ag ath-lorg a fèin-mhisneachd" agus "a' lorg a guth fhèin".
Bha e a' bruidhinn aig coinneimh naidheachd do na meadhanan eadar-nàiseanta ann an Dùn Èideann.
Air Diciadain, rinn ceannardan prìomh phàrtaidhean na Rìoghachd Aonaichte tagraidhean airson bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.
Bha coinneamh Mhgr Salmond a' tachairt air ceann-bliadhna referendum fèin-riaghlaidh na h-Alba ann an 1997.
Tha cunntas-bheachd ùr air nochdadh gu bheil an iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' beagan air thoiseach, le seachdain ri dhol ro là na bhòta. Bha dà chunntas-bheachd ron sin air nochdadh gun robh cùisean air leth teann.
'Làn thaic'
Air an 11mh là den t-Sultain 1997, bhòt sluagh na h-Alba, le làn-thaic, airson fèin-riaghlaidh; mar thoradh air an sin, chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh an dèidh cha-mhòr 300 bliadhna.
Air ceann-bliadhna na bhòta, rinn ceannard an SNP argamaid gum biodh bhòt airson neo-eisimeileachd ann an referendum na h-ath-sheachdain a' leantainn air "slighe bun-reachdail na h-Alba gu ruige seo" agus gun comharraicheadh e "cothrom nach nochd ach uair anns gach ginealach".
Thuirt e: "Tha Alba an ìmpis eachdraidh a dhèanamh. Tha sùilean an t-saoghail air Alba. Agus tha an saoghal a' faicinn deasbad a tha siùbhlach, sìtheil, làn spionnadh.
"Bhòtaidh Alba airson neo-eisimeileachd Diardaoin an ath-sheachdain agus bhòtaidh iad 'Bu Chòir' air sgàth 's nach eil geallaidhean aig a' mhionaid mu dheireadh bhon iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' a' dol a mhealladh duine san dùthaich seo, agus cha dèan burraidheachd agus dol a-mach eagalach riaghaltas Westminster sin nas mò.
"Tha an iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' a' crìonadh gu crìch. Ao-coltach ri sin, tha bhòt 'Bu Chòir' na cothrom nach nochd ach uair anns gach ginealach. Cothrom gus dùthaich nas cothromaiche agus nas soirbheachaile a thogail."
Thuirt Mgr Salmond: "Chan eil duine nas freagarraiche airson Alba a riaghladh na muinntir Alba fhèin. Chan eil duine aig a bheil barrachd tuigse air mòr-mhiannan nan daoine."
'Dùsgadh'
Tha am Prìomh Mhinistear cuideachd air fàisneachd a dhèanamh gun cuir an luchd-bhòtaidh taic ri bhòt 'Bu Chòir' air sgàth 's gu bheil fhios aca gu bheil comas-riaghlaidh nas fheàrr aca fhèin na th' aig Westminster.
Thuirt e, an dèidh an referendum, gu bheilear "a' dol a dhùsgadh gu beatha làn mhisneachd annainn fhèin agus nar dùthaich".
Thuirt e cuideachd: "Airson a' chiad turais riamh, tha Albannaich a' creidsinn gur urrainnear seo a dhèanamh agus gun dèan sinn e."
Cuide ri Mgr Salmond ann an Dùn Èideann, bha Canon Kenyon Wright, a bha na chathraiche air Co-chruinneachadh Bun-reachdail na h-Alba - buidheann a chuidich gus a' Phàrlamaid ùr a chruthachadh - agus a tha a-nis a' cur taic ri neo-eisimeileachd.
Thuirt an Canon Wright: "A-rithist is a-rithist tha riaghaltasan Westminster dha nach do bhòt sinn air poileasaidhean a bha sinn air a dhiùltadh agus smuaintean ris nach eil sinn a' gabhail a sparradh oirnn. Chan eil freagairt aig fèin-riaghlaidh dhan sin.
"Tha na h-innleachdan aig 'Nas Fheàrr Còmhla' a' dearbhadh nach eil tuigse aca air cho cudromach 's a tha a' phrionnsabal sin ann an eachdraidh na h-Alba.
"An toiseach bha maide a' maoidheadh oirnn. A-nise tha curran gar tàladh.
'Maoidheadh' no 'Brìbearachd'
"An toiseach, maoidheadh - ma bhios sibh crosta 's gum bhòt sibh 'Bu Chòir', gheibh sibh peanas. A-nis, brìbearachd - bi modhail, bhòt 'Cha Bu Chòir' agus gheibh sibh duais."
Thuirt e cuideachd: "Tha rud nach fhaighear o fhèin-riaghladh a chaoidh a dhìth air Alba - an cumhachd tèarainte a leigeas leatha a co-dhùnaidhean fhèin a dhèanamh; gus a sealladh fhèin de shòisealtas nas cothromaiche a leantainn; gus a h-àite a ghabhail am measg nàiseanan na h-Eòrpa agus an t-saoghail; gus a bhith saor o Westminster a' gabhail gnothaich rithe gun sguir."
Thàinig na beachdan seo an dèidh dha Daibhidh Camshron, Ed Miliband agus Nick Clegg tagraidhean fa leth a dhèanamh airson bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd air an 18mh là den t-Sultain.
Tha Mgr Camshron, Mgr Clegg agus Mgr Miliband uile air taic a thoirt don phlana ghnìomha a chaidh fhoillseachadh leis an t-seann phrìomhaire, Gòrdan Brown.
Thuirt iad gun deadh obair a thòiseachadh gus barrachd chumhachdan a sgaoileadh air an 19 là den t-Sultain, an là an dèidh an referendum.
''Atharrachadh' no 'Cunnartan mòra'
Tha Mgr Miliband air a bhith ag iomairt ann am meadhan baile Ghlaschu, cuide ri ceannard Albannach nan Làbarach, Johann NicLaomainn, am Morair Làbarach Raibeart Winston agus Buill-Phàrlamaid bho air feadh na RA.
A' bruidhinn ri taobh ìomhaigh Dhòmhnaill Dewar, a' chiad Phrìomh Mhinistear Làbarach ann an Alba an dèidh fèin-riaghlaidh, thuirt ceannard nan Làbarach: "Tha e a-nis follaiseach dè an roghainn a th' anns an referendum seo.
"Atharrachadh le 'Cha Bu Chòir' no cunnartan mòra le 'Bu Chòir'.
"Le 'Cha Bu Chòir', tuilleadh chumhachdan airson Alba nas làidire.
"Le 'Bu Chòir', cunnartan a thaobh obraichean, an eaconamaidh agus an NHS."
Thuirt am Morair Winston: "'S e an NHS an eisimpleir as fheàrr air mar a tha sinn a' co-roinn thar na Rìoghachd Aonaichte.
"Ge bith an e na seirbheisean sònraichte dha bheil 43,000 Albannach a' siubhal a Shasainn gach bliadhna, tric airson leigheas a shàbhaileas am beatha. No am 1,000 Albannach a tha a' faighinn fala a chaidh a thoirt seachad le daoine ann an diofar cheàrnaidhean den RA.
"'S e an NHS aon de na rudan as fheàrr a thug an RA gu buil, agus bidh e nas làidire ma dh'fhuiricheas sinn còmhla."