Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' deasbad

11 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bidh deasbad air an telebhisean oidhche Ardaoin a bheir cothrom do chòrr is 10,000 deugaire a dhol an sàs, còmhla ri riochdairean poileataigeach, ann an ceistean an referendum.

Bidh an cothrom aig òigridh bho air feadh Alba, aig a bheil bhòt airson a' chiad turas an ath-sheachdain, ceistean a chur air pannal san SSE Hydro ann an Glaschu.

Nam measg, bidh deugairean a th' air a' chòigeamh bliadhna ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.