Deasbad Mòr, Mòr a' BhBC
- Air fhoillseachadh

Thèid deasbad a chraoladh oidhche Ardaoin a bheir cothrom do dheugairean a dhol an sàs ann an ceistean mhòr an referendum.
Bidh mìltean de luchd-bhòtaidh ùr an làthair san SSE Hydro ann an Glaschu, 's cuireadh ga thoirt dhan h-uile àrd-sgoil ann an Alba riochdairean a chur a dh'ionnsaigh an deasbaid.
Beachdan bho dheugairean à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Thathar an dùil gum bi còrr is 10,000 deugaire aois 16 agus 17 bliadhna de dh'aois, a bhios a bhòtadh airson a' chiad uair a-riamh, an làthair airson luchd-poileataigs a cheasnachadh.
Nam measg, bidh deugairean a th' air a' chòigeamh bliadhna ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Thèid an deasbad a chraoladh air BBC a h-Aon ann an Alba, oidhche Ardaoin aig 9.00f.
Tha seo mar phàirt de shreath phrògraman a tha am BBC air ullachadh mu choinneimh an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.