Diofar sheallaidhean gan tabhann

Sanasan iomairt "Bu Chòir" agus "Nas Fheàrr Còmhla" Image copyright Reuters
Image caption Le trì là de dh'iomairt air fhàgail, bidh an dà thaobh ag amas air daoine nach do roghnaich fhathast dè an taobh dham bi iad a' bhòtadh.

Le trì là ri dhol chun an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba, bidh an dà thaobh den argamaid a' sìor shireadh bhòtaichean.

Tha 'Bu Chòir' ag argamaid gur e cothrom a th' ann an neo-eisimeileachd na h-Alba do sheann daoine agus an cuid oghaichean.

Canaidh iad cuideachd gum faodadh tòrr buannachd tighinn bho raointean ola ùra ann an uisgeachan na dùthcha.

Coinnichidh Ailig Salmond ri ceannardan gnothachais airson aire a thogail mu na cothroman eaconamach a dh'fhaodadh, na bheachdsan, a bhith an cois neo-eisimeileachd.

Aig a' cheart àm, bidh am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, air ais ann an Alba, 's esan ag ràdh gu bheil adhbharan làidir ann a thaobh "cridhe agus ceann" airson fuireach san Aonadh.

Bheir Mgr Camshron cuideachd rabhadh nach eil dòigh ann air ais, mas e agus gum bhòt muinntir na dùthcha airson neo-eisimeileachd.

Smachd

Le trì là de dh'iomairt air fhàgail mus tèid faighneachd do mhuinntir na h-Alba - Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach? - bidh an dà thaobh ag amas air daoine nach do roghnaich fhathast dè an taobh dham bi iad a' bhòtadh.

Canaidh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum bu chòir do luchd-togail a' pheinnsein neo-eisimeileachd a thaghadh gus dèanamh cinnteach gum bi cothroman aig na h-oghaichean aca nach robh aca fhèin ri linn bhliadhnaichean de riaghaltasan Tòraidheach dha nach do bhòt iad.

Fo neo-eisimeileachd, canaidh i gum faigh muinntir na h-Alba an còmhnaidh an riaghaltas a thagh daoine, agus gum bi cothroman aig an òigridh nach robh riamh aig peinnseanairean an là an-diugh.

Canaidh i cuideachd gum bi peinnseanan air an dìon gu laghail ann an Alba neo-eisimeileach agus gum bu chòir cothroman a bhith aig na ginealaichean ri thighinn buannachd fhaighinn à beartas na dùthcha.

Anns an fharsaingeachd, bruidhnidh Ms Sturgeon mu dheidhinn smachd; mu smachd a bhith aig Alba na roghainnean aice fhèin a dhèanamh agus cothroman a bhith aig muinntir na h-Alba cuideachd na buannachdan a thig às an sin fhaireachdainn.

"Tha sinn beò ann an saoghal mì-chinnteach. Chan eil cus bharantasan san t-saoghal seo, ach 's e mo sheasamh-sa san deasbad seo, a dh'fhaodadh buntainn rinn uile fa leth, agus a dh'fhaodadh buntainn ri gnìomhachasan agus ar dùthaich, gu bheil thu an còmhnaidh ann an suidheachadh nas fheàrr gus do shlighe a dhèanamh ann an saoghal mì-chinnteach ma tha smachd agad air na co-dhùnaidhean a tha a' toirt buaidh air an t-seòrsa dùthcha a th' annad - ma tha smachd againn air ar stòrasan fhèin mar dhùthaich," thuirt an Leas-Phrìomh Mhinisteir.

'Cridhe agus ceann'

Air taobh eile na h-argamaid, tha am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, a' cumail a-mach gu bheil argamaidean làidir ann a thaobh "cridhe agus ceann" bhòtadh airson fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte.

A' tadhal air Alba airson an dàrna turais taobh a-staigh seachdain, canaidh Mgr Camshron "nach bi slighe air ais ann" ma bhòtas Alba airson an t-Aonadh fhàgail.

A' daingneachadh cho cudromach 's a tha a' bhòt dha-san, thuirt Ceannard 'Nas Fheàrr Còmhla', Alasdair Darling: "Chan eil seo coltach ri taghadh far am faod thu d' inntinn atharrachadh mura h-obraich cùisean mar a bhiodh tu a' miannachadh. Ma thèid cùisean ceàrr an turas seo, tha sinn air bhòtadh, tha sinn a' fàgail, agus chan eil slighe air ais ann."

Chaidh tuilleadh chunntasan-bheachd fhoillseachadh thairis air an deireadh-sheachdain; nochd trì dhiubh gu bheil 'Nas Fheàrr Còmhla' air thoiseach, le aonan a' cur 'Bu Chòir' air thoiseach.

Tha an cunntas a bhios a' tarraing ri chèile toraidhean nan cunntasan air fad air nochdadh gu bheil 'Nas Fheàrr Còmhla' air thoiseach 51% an aghaidh 49%.

Le trì là ri dhol, tha cùisean air leth teann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile