"Feumar airgead na h-ola a chosg a chum maith an t-sluaigh"

Crann-ola sa Chuain a Tuath Image copyright Getty Images
Image caption Tha nas lugha na seachdain ri dhol chun an referendum.

Tha eòlaiche gnìomhachas na h-ola air a thaic a chur ri neo-eisimeileachd do dh'Alba, ag ràdh gu bheil dòchas mòr ann gun soirbhich leis a' ghnìomhachas ann an Alba neo-eisimeileach.

Tha an t-Oll. Alex Russell ag obair aig Oilthigh Robert Gordon ann an Obar Dheathain, far a bheil e na Ollamh air Cunntasachd Pheatròileum.

Tha e cuideachd na Cheannard air Roinn na Manaidsearachd aig Sgoil Ghnìomhachais Obar Dheathain, agus na Chathraiche air Comann Ionmhais Ghnìomhachas na h-Ola.

Thuirt e gun robh e a' cur taic ris an iomairt airson neo-eisimeileachd, mar dhòigh air dèanamh cinnteach gun tèid beartas ola na h-Alba a chleachdadh a chum maith mhuinntir na h-Alba.

Thuirt e cuideachd gun robh e ag aontachadh ri planaichean an Riaghaltais Albannaich seasmhachd agus cinnt a thoirt do shiostam cìse a' Chuain a Tuath, seach "an dòigh mhillteach" sa bheil an RA air an gnothach a làimhseachadh.

Fiachan nàiseanta

"Chan eil ceist, nam biodh Alba air a bhith neo-eisimeileach bho 1975, nach biodh i na dùthaich air leth beartach a-niste, agus nach biodh fiachan nàiseanta sam bith ann," thuirt an t-Oll. Russell.

"Tha an fhianais a' sealltainn gu bheil Riaghaltas na RA air faileachadh na fhuaireadh bhon Chuan a Tuath a thasgadh airson ghinealaichean ri teachd.

"An coimheadadh Alba neo-eisimeileach an dèidh ola agus gas na h-Alba na b' fheàrr na riaghaltas na RA an-dràsta? Tha mise den bheachd gun coimheadadh, agus gun dèanadh i cinnteach gum faigheadh muinntir na h-Alba buannachd tòrr na bu mhotha na tha iad a' faighinn an-dràsta.

"A thuilleadh air sin, le a bhith a' stèidheachadh siostam fiosgail a bhios fada nas seasmhaiche, faodaidh Alba misneachd a mheudachadh, agus na cois, in-ionmhas, anns a' ghnìomhachas.

"'S e sin m' adhbhar-sa air bhòtadh "Bu Chòir", agus bhrosnaichinn càch an aon rud a dhèanamh an ath-sheachdain.

"Feumaidh an cothrom air tuilleadh sgrùdaidh agus tollaidh ann an sgìrean eile de dh'uisgeachan na h-Alba, leithid far chosta an iar na h-Alba, Cuan Innse Gall nam measg, a bhith na phròiseact phrothaideach do ghnìomhachas na h-ola.

"Tha tomhaisean Oifis Uallaich a' Bhuidseit air na th' air fhàgail de dh'ola, gu h-amaideach ao-dòchasach, agus gu math nas ìsle na na th' air fhàgail sa Chuan a Tuath.

"Tha coltas ciallach air tomhas an Oll. Alex Kemp, gun gabh suas ri 24 billean barraile toirt às, agus tha mise ag aontachadh ri sin - tha agus Oil and Gas UK," thuirt e.

Diofar bheachdan

Tha seo a' tighinn an dèidh dha fear de phrìomh luchd-gnothachais ola na h-Alba a ràdh air a' mhìos a chaidh seachad gu bheil tuairmsean Riaghaltas na h-Alba mu na th' air fhàgail de dh'ola sa Chuan a Tuath suas ri 60% ro àrd.

Chaidh figear de 24bn barrail fhoillseachadh ann am Pàipear Geal an Riaghaltais, ach tha Sir Ian Wood a' cumail a-mach gu bheil an àireamh sin eadar 45% agus 60% ro àrd.

Tha esan den bheachd nach eil ach eadar 15bn agus 16bn barrail de dh'ola air fhàgail agus thug e rabhadh gun cailleadh Alba neo-eisimeileach gu dona a thaobh eaconamachd chumhachd.

Thuirt Sir Ian: "Bheir cion teachd-a-steach bho ola agus gas a' Chuain a Tuath buaidh mhòr air an eaconamaidh, obraichean agus cothromachadh malairt, le àrdachaidhean mòra ann an cosgaisean chumhachd - agus buaidh mì-fhàbharach air an dìleab airson nan ginealaichean ri teachd ann an Alba neo-eisimeileach."

Tha Sir Ian cuideachd air a ràdh gu bheil esan neo-phàirteach anns an deasbad mu neo-eisimileachd na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile