Ceann a' Ghiuthsaich 4 Gleann Urchadain 0

  • Air fhoillseachadh
Ceann a' GhiuthsaichTùs an deilbh, Neil G Paterson
Fo-thiotal an deilbh,
Ceann a' Ghiuthsaich le Cupa na Camanachd.

Thill Cupa na Camanachd do Cheann a' Ghiuthsaich airson a' chiad turas bho 2006, 's iad ro mhath do Ghleann Urchadain aig Pàirc a' Bhucht Disathairne.

Bha cùisean faisg tràth sa gheama ach b' e Ceann a' Ghiuthsaich a chaidh air thoiseach às dèidh 23 mionaidean, Raghnall Ros a' fosgladh loidhne-dìon a' Ghlinne is Savio Genini òg a' cur a' bhuill seachad air Stiùbhart Mac an Tòisich.

Thàinig cothroman dhan Ghleann ach cha do ghabh iad brath orra, agus b' ann às dèidh fìor dheagh chothrom a bhris Ceann a' Ghiuthsaich air falbh gus an dàrna tadhal aca fhèin fhaighinn ann an 40 mionaid.

Targaid

Às dèidh dha a' chiad tadhal a chruthachadh, b' e Raghnall Ros a bha air an targaid agus e a' teicheadh bho Iain Barr 's e an uair sin a' bualadh a' bhuill seachad air Mac an Tòisich.

Bha an Gleann feumach air tadhal gus dòchas idir a bhith aca, 's bha deagh chothrom aca tràth san dàrna leth, ach dh'fhailich air Lewis MacIllinnein an oidhirp aige fhaighinn air an targaid.

Rinn Ceann a' Ghiuthsaich cinnteach gun togadh iadsan an cupa le tadhal eile bho Genini (70), am fear òg le slaic àlainn dhan lìon às dèidh do Mhac an Tòisich stad a chur air oidhirp bho fhear eile de dh'òigridh Chinn a' Ghiuthsaich, Seumas Falconer.

Gàirdeachas

Bha am facal mu dheireadh aig Ros le ceithir mionaidean air fhàgail, 's e a' stiùireadh a' bhuill seachad air Mac an Tòisich is luchd-leantainn Bhàideanach a' dèanamh gàirdeachas còmhla ris.

4-0 air a' cheann thall agus an Gleann air call gu dona ann an cuairt dheireannach aig Pàirc a' Bhucht airson an dàrna turas am-bliadhna, 's iad fhathast gun Chupa na Camanachd a bhuannachadh.

Thuirt Raghnall Ros às dèidh làimhe gu bheil a h-uile coltas ann gur e seo an geama mu dheireadh aige dhan chiad sgioba agus abair dòigh iomchaidh gus crìochnachadh le dà thadhal, Cupa na Camanachd agus bonn Albert Mhic a' Ghobhainn aige.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh