Bràistean 'Nas Fheàrr Còmhla'
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

'Nas Fheàrr Còmhla' air seachdain na bhòt

15 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil ann a-nis ach trì là mus tèid sluagh na h-Alba dha na h-ionadan-bhòtaidh gus co-dhùnadh dè an seòrsa dùthaich a tha iad ag iarraidh - Alba neo-eisimeileach, no Alba na pàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Diluain 's Dimàirt air Aithris na Maidne, bithear a' bruidhinn ri riochdairean bho gach taobh den deasbad.

Air Diluain, bhruidhinn Innes Rothach ri Alasdair Moireasdan, a tha a' cur taic ri 'Nas Fheàrr Còmhla'.

Bithear a' bruidhinn ri Alasdair Allan BPA bhon iomairt 'Bu Chòir' madainn Dimàirt.