Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Referendum

Thig Daibhidh Camshron a dh'Alba an-diugh airson an turais mu dheireadh mus bhòt muinntir na dùthcha air am bu chòir dhaibh an Rìoghachd Aonaichte fhàgail. Tha dùil gun can e nach bi slighe air ais ann ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd. A' bruidhinn ri luchd-gnothaich an-diugh, mìnichidh Ailig Salmond ciamar a tha e a' smaointinn gum brosnaicheadh neo-eisimeileachd eaconamaidh na h-Alba.

Agus tha Lùchairt Bhuckingham ag ràdh nach eil a' Bhànrigh air taobh seach taobh a ghabhail anns an deasbad air neo-eisimeileachd. Tha i air innse do chuideigin a bh' air coinneachadh rithe taobh a-muigh Eaglais Chrachaidh Là na Sàbaid gun robh i an dòchas gum meòiricheadh daoine gu domhain air a' chùis mus bhòtadh iad anns an referendum.

An Stàit Ioslamach

Dh'fhosgail co-labhairt eadar-nàiseanta ann am Paris far an tèid deasbad a dhèanamh air dè mar a bu chòir dèiligeadh ris an Stàit Ioslamaich. Dh'innis Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, do mhinistearan cèine bho air feadh an t-saoghail, gum feumadh dùthchannan na cruinne obrachadh còmhla airson smachd fhaighinn air na radaigich a tha mar thà air Albannach agus dithis Aimeireaganach a chur gu bàs, agus a tha a-niste a' bagairt Breatannach eile, Allan Henning, a mhurt.

Thailand

Tha Oifis nan Dùthchannan Cèine a' rannsachadh aithrisean gun deach cuirp dhithis à Breatainn a lorg air tràigh ann an Thailand. Tha e air aithris gun robh am fireannach agus am boireannach, a bha le chèile 24 bliadhna de dh'aois, air droch lotan fhulang mun cinn. Thuirt Polis Thailand gun d'fhuaireas na cuirp air Eilean Koh Tao, a tha a' tàladh grunn dhàibhearan gach bliadhna.

Phones4U

Tha eagal ann gun tèid 5,500 obraichean a chall, agus Phones4U, a tha a' creic fònaichean-làimhe, air a dhol ann an rianachd. Dùinidh a' chompanaidh 550 bùth air feadh Bhreatainn, agus iad ag ràdh nach eil an còrr roghainn aca às dèidh dha na companaidhean fòn EE agus Vodafone na cùmhnantan aca le Phones4U a thoirt gu crìch.

Camarathan an A9

Bu chòir gun tèid na camarathan-astair mu dheireadh a chur an-àirde air an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis ro dheireadh na seachdaine. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun cuidich an siostam ùr ann a bhith a' dèanamh an rathaid nas sàbhailte. Ach tha luchd-iomairt a' cumail a-mach gun dèan iad gnothaichean nas miosa. Thèid na camarathan a chur gu dol aig deireadh an Damhair.

Uachdarain Fearainn

Agus dh'fhoillsich uachdarain fearainn na h-Alba còd ùr 's iad an dòchas gun seall e do dhaoine mu cho adhartach 's a tha na dòighean-obrach aca. Thuirt an caidreachas a tha gan riochdachadh gu bheil iad airson sealltainn gu bheil uachdarain phrìobaideach a' dèanamh feum dhan eaconamaidh agus dhan àrainneachd.