Diofar sheallaidhean Salmond agus Chamshroin

Sanasan iomairt "Bu Chòir" agus "Nas Fheàrr Còmhla" Image copyright Reuters
Image caption Le trì là de dh'iomairt air fhàgail, bidh an dà thaobh ag amas air daoine nach do roghnaich fhathast dè an taobh dham bi iad a' bhòtadh.

Tha Ailig Salmond air coinneachadh ri ceannardan gnìomhachais gus argamaid a dhèanamh airson neo-eisimeileachd, fhad 's a tha Daibhidh Camshron ag ullachadh gus na h-adhbharan, a thaobh "cridhe agus ceann", airson bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd a mhìneachadh.

A' bruidhinn aig tachartas aig Port-adhair Dhùn Èideann, thug Mgr Salmond slaic air an dòigh anns a bheil an iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' a' feuchainn ris an eagail a chur air dhaoine.

Bidh Mgr Camshron ann an Obar Dheathain nas fhaide den là gus òraid a dhèanamh air na h-argamaidean a th' aigesan airson bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Bidh an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba a' tachairt Diardaoin.

Bheir am Prìomhaire cuideachd rabhadh nach eil dòigh ann air ais, ma 's e agus gum bhòt muinntir na dùthcha airson neo-eisimeileachd.

Ach tha am Prìomh Mhinistear air a ràdh gur e "cothrom nach nochd do dh'Alba ach uair sa bheatha" a th' anns an referendum air neo-eisimeileachd, 's e a' coinneachadh ri buidhinn de luchd-gnìomhachais a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd aig Port-adhair Dhùn Èideann.

'Eaconamaidh nas seasmhaiche'

Thuirt a' bhuidheann gu bheilear den bheachd gun toir bhòt 'Bu Chòir' cothrom do dh'Alba "poileasaidh eaconamach is obrach a dhealbh a rèir ar feumalachdan gus eaconamaidh nas seasmhaiche a stèidheachadh airson an àm ri teachd."

Am measg buill na buidhne, bha Cathraiche Stagecoach, Brian Souter; Ralph Topping, a b' àbhaist a bhith na Àrd-Oifigear air William Hill; Russell Griggs, a th' air bòrd-stiùiridh Iomairt na h-Alba; Marie Macklin a tha na h-Àrd-Oifigear air a' Bhuidheann Klin; agus Cathraiche United Wholesalers, Mohammed Ramzan.

Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Ailig Salmond gur e "iomairt shìtheil agus aoibhneach" a bh' air a bhith aig 'Bu Chòir'.

Ann am brath-naidheachd, thuirt iad: "Tha am beartas, an tàlant agus na stòrasan air a bhith aig Alba riamh.

"Tha sinn am measg nam 20 dùthaich as beartaiche san t-saoghal. Ach thairis air na beagan sheachdainean a dh'fhalbh tha sinn air rud ùr fhaicinn - fèin-mhisneachd nàiseanta a' fàs. Tha sin a' toirt dhuinn a' bhun-stèidh as làidire airson dùthaich ùr neo-eisimeilich.

"Tha Sràid Downing air a bhith a' foillseachadh sgeulachdan a chuireas an eagail air daoine gun sguir. Ach fhad 's a tha an iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' a cur sìos air Alba, tha sinn ag iarraidh ar n-aire a chumail air cothrom."

Rabhadh

Thug iad cuideachd rabhadh gun robh a' bharrachd taic airson UKIP a' ciallachadh gun robh e "fìor chothromach gum biodh bhòt 'Cha Bu Chòir' a' ciallachadh gum bithear a' fàgail an AE".

Ghabh Mgr Salmond an cothrom slaic a thoirt air a' Phrìomhaire, a' cur às leth Mhgr Camshron gun robh e ri burraidheachd 's a' feuchainn ris an eagail a chur air gnìomhachasan gus neo-eisimeileachd a chàineadh.

Thuirt e gun deach am Prìomhaire a ghlacadh, a' brosnachadh bhùithdean gus bruidhinn a-mach, agus a' toirt iomradh air an fhiosrachadh a chaidh a sgaoileadh mu phlanaichean RBS, thuirt e gur e "sgainneal air leth cudromach" a bh' ann.

A' bruidhinn air an dòigh anns a bheil am BBC a' dèiligeadh ri iomairt an referendum, thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh "iomagain am measg a' phobaill mu ghnè agus cothromachd an fhiosrachaidh a tha ga fhoillseachadh".

Chaidh e cuideachd às àicheadh thagraidhean gun robh an iomairt 'Bu Chòir' air a bhith a' cur an eagail air daoine, ag ràdh gur e "iomairt shìtheil agus aoibhneach" a bh' air a bhith aca.

'Co-dhùnadh duilich'

Chuir ceannardan trì buidhnean reic an ainmean ri litir anns a' phàipear-naidheachd, an Daily Record, Disathairne, ag ràdh gun deadh an cosgaisean suas ann an Alba neo-eisimeileach.

Thuirt iad gun robh seo ag adhbharachadh gun robh aca ri "co-dhùnadh duilich" a dhèanamh, co-dhiù am biodh aig an luchd-ceannaich ri cosgaisean a bharrachd a ghiùlan ri linn seo.

Chuir ceannardan Marks and Spencer, Kingfisher, leis a bheil B&Q, agus Timpsons, an ainmean ris an litir.

Image copyright Reuters
Image caption Choinnich buidheann de luchd-poileataigs Làbarach, John Reid nam measg, ri luchd-obrach aig gàradh iarrainn BAE Systems ann an Glaschu.

Aig a' cheart àm, bruidhnidh am Prìomhaire mu na buannachdan faireachail agus eaconamach a tha, na bheachd-san, an lùib fuireach san Rìoghachd Aonaichte, 's e a' tadhal air Alba airson an dàrna turais taobh a-staigh seachdain.

Siubhlaidh Mgr Camshron gu ear-thuath na dùthcha, far an can e "nach bi slighe air ais ann" ma bhòtas Alba airson an t-Aonadh fhàgail.

Cuiridh Mgr Camshron ìmpidh air an luchd-bhòtaidh gun fearg a thaobh riaghaltas na co-bhanntachd, teanntachd no cìs nan seòmraichean-cadail a chleachdadh mar leisgeul gus bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Cunntasan-bheachd

Le trì là de dh'iomairt air fhàgail ron bhòt, bidh luchd-poileataigs bhon dà thaobh ag amas air daoine nach do roghnaich fhathast dè an taobh dham bi iad a' bhòtadh.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum bu chòir do luchd-togail a' pheinnsein neo-eisimeileachd a thaghadh gus dèanamh cinnteach gum bi cothroman aig na h-oghaichean aca nach robh aca fhèin ri linn bhliadhnaichean de riaghaltasan Tòraidheach dha nach do bhòt iad.

Choinnich buidheann de luchd-poileataigs Làbarach - John Reid, Johann NicLaomainn, Mairead Curran agus Anas Sarwar - ri luchd-obrach aig gàradh iarrainn BAE Systems ann an Glaschu gus an cunnart anns a bheil an SNP, nam beachd-san, a' cur obraichean Albannach ann an gnìomhachasan leithid togail shoithichean, an t-seirbheis chatharra agus seirbheisean ionmhasail, a shoilleireachadh.

Tha na cunntasan-bheachd as ùire a' sealltainn gu bheil a bhòt air leth teann.

Chaidh tuilleadh chunntasan-bheachd fhoillseachadh thairis air an deireadh-sheachdain; nochd trì dhiubh gu bheil 'Nas Fheàrr Còmhla' air thoiseach, le aonan a' cur 'Bu Chòir' air thoiseach.

Tha an cunntas a bhios a' tarraing ri chèile toraidhean nan cunntasan air fad air nochdadh gu bheil 'Nas Fheàrr Còmhla' air thoiseach 51% an aghaidh 49%.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile