Bràistean 'Bu Chòir'
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

'Bu Chòir' air seachdain na bhòt

16 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil ann a-nis ach dà là mus tèid sluagh na h-Alba dha na h-ionadan-bhòtaidh gus co-dhùnadh dè an seòrsa dùthaich a tha iad ag iarraidh - Alba neo-eisimeileach, no Alba na pàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Diluain 's Dimàirt air Aithris na Maidne, bithear a' bruidhinn ri riochdairean bho gach taobh den deasbad.

Air Dimàirt, bhruidhinn Innes Rothach ri Alasdair Allan BPA, a tha a' cur taic ri 'Bu Chòir'.

Bhruidhinn e ri Alasdair Moireasdan bhon iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' madainn Diluain.