Seann chaisteal Whyte ga reic

Chaidh caisteal air Ghàidhealtachd a chaidh a thoirt an sealbh bho Chraig Whyte, a b' àbhaist a bhith os cionn Chluba Bhuill-Choise Rangers, a reic.

Tha Caisteal nan Granndach, faisg air Baile nan Granndach, na sheasamh ann an 35 acaire ann an Srath Spè.

Chaidh a chur air a' mhargaidh na bu thràithe am-bliadhna, air prìs £1m.

Cheannaich Craig Whyte agus a bhean an caisteal o chionn ochd bliadhna.

Ach ri linn cho trulainn 's a bha cùisean ionmhais an fhir-ghnothachais, agus mar a chaidh Rangers fodha fo a stiùir, dhealaich a bhean ris, agus cha b' urrainn do Whyte an £7,000 sa mhìos a phàigheadh air a' mhorgaids.

Thathas a' tuigsinn gur ann à thall-thairis a tha an fheadhainn a cheannaich e.

Tha an caisteal, a bha uair na dhachaigh do dh'Iarla Grannd, agus a th' air a chlàradh aig ìre A, fhathast feumach air obair-càraidh mhòr chosgail.