Dàil air bùth mhòr ùr do Phort Rìgh

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Bha dùil aig luchd-iomairt gun toireadh Comhairlichean cead do dh'fhear den dà iarrtas.

Tha luchd-iomairt a tha ag iarraidh bùth bhìdhe ùir ann am Port Rìgh ag ràdh gur e briseadh dùil a th' ann gum bi dàil a bharrachd ann mus fhaigh iad an toil.

Bha dùil aca gun cuireadh comhairlichean taic ri planaichean bho luchd-leasachaidh Dimàirt, mar a bha luchd-dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd a' moladh.

Ach cho-dhùin iad gun cead a thoirt seachad fhathast.

Bha dà iarrtas bho luchd-leasachaidh air beulaibh bhall Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath, le gach buidheann airson bùth ùr le stèisean peatroil na cois a thogail air iomall Phort Rìgh.

Bha oifigearan dealbhachaidh a' moladh fear aca a dhiùltadh, agus cead a thoirt don dàrna fear.

Chuir buill dàil air an dà iarrtas, ri linn mì-chinnt mun bhuaidh a bheireadh iad air bùithdean eile sa bhaile.

Tha cuid air a bhith a' strì airson ochd bliadhna airson bùth a bharrachd a dhèanadh farpais ris a' Cho-op - an aon bhùth mhòr a th' anns an eilean an-dràsta.

Bidh cuideachd Tesco is Asda a' lìbhrigeadh stuth dhan eilean dà thuras san là do dhaoine a cheannaicheas air-loidhne.

Chan eil e soilleir fhathast cò a' chompanaidh a thigeadh a Phort Rìgh nam faigheadh an luchd-leasachaidh cead, ach tha luchd-strì ag ràdh nach eil dragh aca cò thig, fhad 's a gheibh iad seirbheis nas fheàrr.

Tha an Co-op a' cur an aghaidh gach iarrtais gu foirmeil, ag ràdh gun cuireadh bùth mhòr eile an gnìomhachas acasan san eilean ann an cunnart, 's iad ag ràdh fiù 's gum feumadh iad na bùithdean aca ann am Port Rìgh agus anns an Ath Leathann a dhùnadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo