Neo-eisimeileachd na "cothrom gun choimeas"

Nicola Sturgeon agus Iain Swinney Image copyright PA
Image caption Thuirt Nicola Sturgeon gu bheil am beartas, a' mhisneachd agus na comasan aig Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich shoirbheachail.

Tha ministearan bho Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gun toir bhòt airson neo-eisimeileachd "cothrom gun choimeas" do dh'Alba gus tuilleadh chumhachdan a thaobh obraichean a chruthachadh a ghlèidheadh.

Thadhail an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, agus Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, air a' chompanaidh einnsinnìridh, Steel Engineering, ann an Rinn Friù.

Tha a' chompanaidh ag obair ann an gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Ach, thuirt Rùnaire Dùbhlanach nan Dùthchannan Cèine, Dùghlas Alexander, gun robh an iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla" a' tabhann "atharrachadh nas luaithe, nas sàbhailte agus nas fheàrr".

Tha ceannardan nan trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster air gealltanas a thoirt gun tèid tuilleadh chumhachdan a thoirt do dh'Alba, ma thèid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd Diardaoin.

'Ar co-dhùnaidhean fhèin'

Thuirt Ms Sturgeon: "Tha Alba am measg nan dùthchannan as beartaiche san t-saoghal. Mar dhùthaich neo-eisimeileach, thòisicheadh sinn air a' bhun-stèidh eaconamaich as làidire agus le bhith a' cleachdadh nan cumhachdan a thigeadh bho bhòt 'Bu Chòir', bidh e comasach dhuinn togail air a' bhun-stèidh a tha sin.

"Tha am beartas, a' mhisneachd agus na comasan aig Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich shoirbheachail. Le bhith a' bhòtadh 'Bu Chòir' Diardaoin, gheibh sinn an làn-chumhachd a thaobh obraichean a chruthachadh a leigeas leinn a' chuid as motha a dhèanamh de ar cothroman."

An dèidh coinneachadh ris an luchd-obrach aig Steel Engineering, thuirt Mgr Swinney: "Le cumhachd a bhith againn ar co-dhùnaidhean fhèin a dhèanamh, faodaidh sinn roghnachadh ar beartas agus ar stòrasan a chur an seilbh ann an saothrachaidh, ann an cumhachd ath-nuadhachail agus ann an ùr-ghnàthachadh.

"Faodaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi foghlam agus trèanadh aig àrd-ìre ri fhaotainn dhan a h-uile duine, agus far an deach bacadh a chur oirnn le gearraidhean nan Tòraidhean, faodaidh sinn riaghaltasan a chur an dreuchd a chuireas poileasaidhean a tha freagarrach do dh'Alba an gnìomh.

"Tha referendum Dhiardaoin na dheagh chothrom do dh'Alba bhòtadh 'Bu Chòir' agus eaconamaidh a tha fiù 's nas làidire a thogail do na ginealaichean ri teachd."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile