Luchd-iomairt bhon dà thaobh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

A' deasbad chun an deiridh

17 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Madainn Diardaoin, bidh na stèiseanan-bhòtaidh fosgailte agus bidh muinntir na h-Alba a' freagairt cheist cho cudromach 's a chaidh a chur orra riamh; "Am bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Thar nam mìosan mu dheireadh, tha a' bheàrn eadar an taic a th' aig an dà thaobh air crìonadh gu mòr, a' fàgail iomairt cho teann 's gu bheil e do-dhèanta tuaimse a dhèanamh air cò a gheibh buaidh.

Bhruidhinn Innes Rothach ri BP Nàiseantach nan Eilean Siar, Aonghas Briannan MacNèill, a tha a' cur taic ri 'Bu Chòir' agus Murchadh Moireasdan, a tha a tha an aghaidh neo-eisimeileachd.