BBC Naidheachdan

Saidheans foireansach agus an referendum

Published
image captionCha do bhòt na h-uimhir de dhaoine riamh tron phost ann an Alba, 's cha-mhòr 800,000 duine air sin a dhèanamh.

Thèid dòighean bho shaidheans foireansach agus coimpiutaireachd a chleachdadh gus pàipearan-bhòtaidh tron phost san referendum a làimhseachadh.

Cha tèid bhòt sam bith a chur an dàrna taobh gun dearbhadh bho oifigearan cunntaidh fhèin.

Cha do bhòt na h-uimhir de dhaoine riamh tron phost ann an Alba, 's cha-mhòr 800,000 duine air sin a dhèanamh.

Bidh an luchd-cunntaidh a' cleachdadh innealan-sganaidh a bhios ag aithneachadh làmh-sgrìobhainn dhaoine, gus deànamh cinnteach gur e an duine a chuir a' bhòt dhan phost an aon duine a dh'iarr e anns a' chiad àite.

Cha bhi na h-innleanan fhèin a' cur bhòtaichean sam bith an dàrna taobh ge-tà.

Ma tha ceist idir ann mu phàipear, 's e oifigearan-cunntaidh le trèanadh ann an saidheans foireansach a nì co-dhùnadh deireannach, agus 's e an luchd-obrach a chunntas na bhòtaichean air fad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Ag ullachadh nan stèiseanan-bhòtaidh

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh