An là mu dheireadh den iomairt

  • Air fhoillseachadh
IomairteanTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil gum bi a' bhòt gu math faisg.

Tha gach taobh ann an deasbad an referendum a' cur an cuid argamaidean airson an là mu dheireadh Diciadain, agus an sluagh ag ullachadh airson an cuid bhòtaichean a chur Diardaoin.

Tha na cunntasan-bheachd as ùire a' sealltainn gu bheil Nas Fheàrr Còmhla beagan air thoiseach, agus gu bheil an dà thaobh ro fhaisg airson fiù 's tuairmse a dhèanamh cò bhuanaicheas.

Tha am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond air sgrìobhadh chun an luchd-bhòtaidh ag iarraidh orra bhòtadh "Bu Chòir", agus ràdh "dèanamaid seo".

Bha àrd-luchd-gnìomha na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla a-muigh a' coinneachadh ri daoine a bha ag obair feadh na h-oidhche, air thoiseach air ralaidh "Gràdhaich Alba, Bhòt Cha Bu Chòir".

A' chaint seachad

Chaidh trì cunntasan-bheachd ùra, a rinn Opinium dhan Daily Telegraph, ICM dhan Scotsman, agus Survation dhan Daily Mail, fhoillseachadh oidhche Mhàirt.

Gun an fheadhainn nach do rinn co-dhùnadh fhathast, tha iad uile a' sealltainn "Cha Bu Chòir" air thoiseach - 52% gu 48%.

Air an là mu dheireadh den iomairt, ann an litir gu muinntir na h-Alba, thuirt Mgr Salmond gum bi cumhachd nan làmhan, agus iad a' bhòtadh air na tha air thoiseach air an dùthaich aca Diardaoin.

Dh'iarr e air luchd-bhòtaidh ceum a ghabhail air ais bho na h-argamaidean poileataigeach agus staitistigean a th' air a bhith aig aghaidh na h-iomairt o chionn dà bhliadhna, agus earbsa a chur annta fhèin 's iad a' gabhail a-steach air na preasan bhòtaidh.

"Cha-mhòr nach eil a' chainnt seachad. Thuirt na h-iomairtean na th' aca. 'S e na th' air fhàgail sinn fhèin. Na daoine a tha a' fuireach 's ag obair an seo. Na h-aon daoine le bhòt. Na daoine a tha gu diofair.

"Na daoine aig am bi, fad beagan uairean prìseil Diardaoin, flaitheantas, cumhachd, ùghdarras nan làimh. 'S e seo a' mhòmaid as motha agus as cumhachdaile a chì duine againn gu bràth. Àm ri teachd na h-Alba - ar dùthaich, nar làimh.

"Dè nì sinn? Chan eil fhios aig càch mar a bhòtas a chèile. Dhomh fhèin dheth, chan eil mi ach ag iarraidh seo. Dèan an co-dhùnadh seo le ceann agus cogais shoilleir."

Dh'innis am Prìomh Mhinistear do Today air Radio 4, gur e iomairt cho inntinneach 's a bh' ann air taobh siar na h-Eòrpa, agus nach robh e a' gabhail ris gun deadh e taobh seach taobh.

Co-dhùnadh deamocratach

Thuirt Mgr Salmond gun robh mar a bha daoine a' feitheamh ann an loidhnichean airson clàradh air thoiseach air a' bhòt, air a bhith ùmhlachdail dha, agus gheall e cumail ri Clàs 30 de dh'Aonta Dhùn Èideann, anns an do dh'aontaich gach taobh gabhail ri co-dhùnadh na bhòta agus obrachadh a chùm maith na h-Alba agus na RA ge b' e dè an toradh.

A thaobh mar a tha an Spàinn ag ràdh gun cuireadh iad an aghaidh ballrachd Alba sa bhad san AE, thuirt Mgr Salmond gun robh 1% de shluagh na AE ann an Alba, ach gun robh 20% de stocan èisg, 25% den chumhachd ath-nuadhachail, agus 60% de na goireasan ola.

Thuirt e nach robh feadhainn a chuireadh teagamh ann am ballrachd na h-Alba san AE a' tuigsinn gun gabhas an Roinn Eòrpa ri co-dhùnaidhean deamocratach, agus gu bheil an t-uabhas aig Alba ri chur ris an AE.

Chaidh Ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, agus seann Phrìomhaire Gòrdan Brown, os cionn ralaidh ann an Glaschu air an robh "Gràdhaich Alba, Bhòt Cha bu Chòir" feasgar.

Thuirt Mgr Darling ris an Today Programme gun robh e den bheachd gur e "Cha bu Chòir" a bhuannaicheadh, ach ge b' e dè an toradh, "gun dèanainn mo dhìcheall a chùm maith na h-Alba".

"Chan fhalbh mi. 'S e seo mo dhùthaich. Tha mi a' fuireach," thuirt e. Ach thuirt e cuideachd nach ionnan sin agus gun gabhadh e ris an "dìth na cèille" a th' ann am Pàipear Geal an Riaghaltais Albannaich, agus "chan e Ailig Salmond Sgioba na h-Alba".

Atharrachadh

Thug e rabhadh seachad cuideachd gu bheil obair mhòr air thoiseach co-dhiù, gus an dà thaobh ann an Alba a thoirt air ais ri chèile an dèidh na h-iomairt.

Thuirt e gun robh cuid de na chaidh a sgrìobhadh air-loidhne, agus rudan leithid an togail-fianais taobh a-muigh a' BhBC ann an Glaschu Didòmhnaich air an "eagal a chur air cuid".

"Feumaidh sinn uile a ràdh gu bheil sinn beò ann an dùthaich dheamocrataich; tha cuid a chaidh tarsainn air an loidhne... ach feumaidh sinn cùisean a shocrachadh, oir feumaidh sinn tinn beò còmhla".

Bha Ceannard nan Làbarach an Alba, Johann NicLaomainn, agus Ceannard nan Tòraidhean an Alba, Rut Davidson, a-muigh ag iomairt feadh na h-oidhche cuideachd.

Choinnich a' Bh.Ph. NicLaomainn, agus an leas-cheannard Anas Sarwar, ri luchd-obrach clò-bhualaidh air an t-siofta oidhche aig Trinity Mirror Print Works. Gheall iad "atharrachadh nas fheàrr, nas luaithe, nas sàbhailte" am broinn an Aonaidh.

Choinnich Ms Davidson agus Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander ri luchd-obrach taigh-bathair aig Malcolm Distribution ann an Linwood.

Thuirt stiùiriche na h-iomairt aig Nas Fheàrr Còmhla, Blair MacDhùghaill: "Ao-coltach ri Ailig Salmond, th' air turas buaidhe ann an heileacoptair, tha Nas Fheàrr Còmhla ag iomairt tron oidhche airson bhòt Cha Bu Chòir.

Cunntasan-bheachd

"Tha luchd-iomairt Nas Fheàrr Còmhla ag obair gun fhaochadh gus an teachdaireachd gum bi atharrachadh nas fheàrr, nas luaithe, nas sàbhailte an dèidh bhòt Cha Bu Chòir airson Alba nas làidire a sgaoileadh, fhad 's a tha pròiseact poileataigeach Ailig Salmond airson sgaradh a' cur obraichean, pheinnseanan agus an NHS ann an cunnart."

A' toirt freagairt air na cunntasan-bheachd as ùire, thuirt Mgr MacDhùghaill: "Thèid a' bhòt a tha seo gu math faisg. Chan eil rùm ann airson bhòta-gearainnich. Ma bhòtas sinn airson an RA fhàgail cha bhi tilleadh againn, ge b' e dè thachras a thaobh ghearraidhean nas motha, prìsean nas motha agus nas lugha obraichean."

Chuir Bu Chòir Alba fàilte air na cunntasan-bheachd as ùire, ag ràdh gun robh iad "gu math dòchasach".

Thuirt àrd-stiùiriche na h-iomairt, Blair Jenkins: "Tha fhios aig daoine gur e bhòt "Bu Chòir" an aon chothrom a bhios aig Alba cumhachdan fhaighinn airson obraichean a chruthachadh, dìon a chur air an NHS againn bho ghearraidhean millteach agus prìobhaideachadh aig Westminster, agus a dhèanamh cinnteach nach tèid gu bràth tuilleadh riaghaltas Tòraidheach a sparradh air Alba an dèidh dhuinn a dhiùltadh sa bhòt.

"Tha na cunntasan-bheachd seo - coltach riutha uile o chionn ghoirid - a' sealltainn gu bheil sinn glè fhaisg air buaidh Diardaoin.

"Tha an referendum na sheasamh air faobhar, agus bidh seo na bhrosnachadh dhan a h-uile duine a tha ga iarraidh, agus a th' air a bhith ag obair gu cruaidh airson Bu Chòir, an cuid oidhirpean a dhaingneachadh."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh