BBC Naidheachdan

Aig a' cheann-thall

Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter

Published
Sin e.
Tha iomairt fhada an reifrinn seo - cha mhòr - deiseil.
Nì luchd-iomairt an dà thaobh oidhirp mu dheireadh anns na h-uairean a tha air fhàgail gus taic fhaighinn bho dhaoine nach d'rinn an co-dhunadh fhathast.
A rèir coltais, tha gu leòr dhiubh sin ann.
Ach abair gu bheil an tìde a' ruith orra.
A-màireach bhòtaidh Albannaich air am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eismeilich.
Faisg
A dh'aindeoin na their iad, tha cùisean a-nis a' coimhead fada nas fhaisge na bha dùil aig mòran.
Anns na beagan seachdainean a dh'fhalbh, theannaich na cunntasan-bheachd chun na h-ìre 's nach eil fhios an duine a-nis dè thachras a-màireach.
Ach, ged as e 'taghadh' sònraichte a tha seo, bidh cuid de na rudan àbhaisteach cudromach uair eile.
Cò bhios nas treasa air na sràidean?
An tèid aig taobh seach taobh ris an luchd-bhòtaidh fhaighinn a-mach air an là?
An toir an tìde buaidh?
Teachdaireachd
Bidh cuid de dhaoine toilichte gu bheil an iomairt seo a-nis a' tighinn gu crìch.
Dhòmhsa, chòrd e rium gu mòr.
Chòrd e rium a bhith a' leantainn an luchd-poileataigs agus iad a' feuchainn ris an teachdaireachd aca a sgaoileadh - agus, uaireanan, tè an taobh eile a mhilleadh - o dh'fhàg an taghadh ann an 2011 gun deigheadh a' cheist seo a chur ris an t-sluagh.
Ach chòrd e fada na bu mhotha rium daoine fhaicinn - càirdean agus daoine nach b' aithne dhomh - a' bruidhinn mu chùisean poileataigeach le ùidh agus cridhe, misneachd agus spòrs.
A-màireach bidh aig gach duine, ann an aonaranachd an ionad-bhòtaidh, an co-dhunadh aca dhèanamh.
Madainn Dihaoine, bidh freagairt nan daoine ann.