BBC Naidheachdan

Moladh mu shiostam a' chreideis choitchinn ga dhiùltadh

Published
image copyrightPA
image captionTha Nicola Sturgeon air iarraidh nach tèid atharrachadh mòr air siostam shochairean sòisealta na Rìoghachd Aonaichte a chur an sàs ann an Alba a' chiad ghreis.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air iarrtas an Leas-Phrìomh Mhinisteir, Nicola Sturgeon, airson dàil a chur air siostam a' chreideis choitchinn a bhith ga chur an sàs ann an Alba, a dhiùltadh.

Sgrìobh Ms Sturgeon chun a' Phrìomhaire, Daibhidh Camshron, a' moladh nach tèid an t-siostam ùr a chur an sàs ann an Alba fhad 's a tha Comisean a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn a' beachdachadh air dè na cumhachdan a bharrachd a thèid a ghluasad gu Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt i gun cuireadh siostam a' chreideis choitchinn bacadh air planaichean gus smachd air an t-sochair thaigheadais a ghluasad gu Holyrood.

Ach thuirt labhraiche bho Riaghaltas na RA gun leanadh iad orra lem planaichean mar a bhathar an dùil.

'S e aon sùim airgid gach mìos, an àite nan sochairean àbhaisteach aca, a gheibh daoine, aig aois obrach, fo shiostam a' chreideis choitchinn.

Thèid a sgaoileadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte ron bhliadhna 2017.

Tha cuid de dhaoine ann an Inbhir Nis ga fhaighinn mar-thà.

Coimisean

Chaidh Coimisean a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn a chur an sàs gus aonta a lorg air dè na cumhachdan ùra a thèid a ghluasad gu Pàrlamaid na h-Alba.

Tha na Làbaraich agus na Tòraidhean air a ràdh gum bu chòir do dh'Alba uallach a ghabhail air sochairean taigheadais.

Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear den bheachd ge-tà, le bhith a' gluasad an t-sochair sin a shiostam a' chreideis choitchinn, gum biodh e na bu dhuilghe cumhachdan a thaobh shochairean a ghluasad gu Pàrlamaid na h-Alba.

Nam biodh bhòt "Bu Chòir" air a bhith ann san referendum air neo-eisimeileachd air a' mhìos a chaidh seachad, thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh iad air iarraidh air Riaghaltas na RA gun siostam a' chreideis choitchinn a chur an sàs ann an Alba.

Bhiodh sin air leigeil le ministearan an SNP siostam shochairean Albannach a chur an sàs, a ghlèidheadh an t-sochair thaigheadais, aon de na sia sochairean a tha ga cho-aontachadh a shiostam a' chreideis choitchinn air feadh na RA.

"Cabhag"

Thuirt Ms Sturgeon: "Thuirt Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn an t-seachdain seo, aig co-labhairt nan Tòraidhean, gun deadh "cabhag" a chur ann a bhith a' sgaoileadh siostam a' chreideis choitchinn - a' gabhail a-steach Alba.

"Tha e duilich faicinn ciamar a tha seo air dhòigh sam bith co-chòrdail ri dòigh-obrach ann an deagh-rùn ris a' phròiseas a thaobh tuilleadh chumhachdan aontachadh airson Pàrlamaid na h-Alba.

"Tha co-aontachd fharsaing ann gu bheil molaidhean pàrtaidhean Westminster a thaobh chumhachdan fada ro mheata agus gu bheil smachd shusbainteach a thaobh an t-siostaim shochairean a dhìth air Pàrlamaid na h-Alba gus daoine a chuideachadh air ais a dh'obair agus gus dèiligeadh le trioblaid bochdainn na h-Alba, 's e a' sìor-fhàs."

Thuirt Ms Sturgeon gu bheil e duilich faicinn ciamar a ghabhadh fiù 's "moladh chuibhrichte phàrtaidhean Westminster a thaobh shochairean" - gus uallach air sochairean taigheadais a ghluasad a dh'Alba - a choileanadh nan cumadh Riaghaltas na RA orra le siostam a' chreideis choitchinn.

Thuirt i: "Cuiridh siostam a' chreideis choitchinn às dhan t-sochair thaigheadais. Chan eil e soilleir dhomhsa ciamar as urrainn conaltradh brìoghmhor a bith eatorrainn a thaobh poileasaidh shochairean dha bheil iad a' cur às mar-thà.

Fadalach agus mì-chliùiteach

"Mar sin, tha mi an-diugh air sgrìobhadh chun a' Phrìomhaire ag iarraidh gun tèid dàil a chur ann a bhith a' cur siostam a' chreideis choitchinn - a tha mar-thà glè fhadalach agus mì-chliùiteach - an sàs ann an Alba.

"Tha e riatanach gun seall pàrtaidhean Westminster spèis dhan phròiseas a thaobh tuilleadh chumhachdan aontachadh - le bhith gan cur an gnìomh a bharrachd air faclan a-mhàin."

Dhearbh Sràid Downing gun d' fhuair iad litir Ms Sturgeon, ach thuirt fear-labhairt bho Riaghaltas na RA nach robhar airson obair Chomisein a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn a ro-chasg.

Thuirt am fear-labhairt gun leanadh an Riaghaltas orra lem planaichean gus an cluinnear bhon Choimisean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Riaghaltas na h-Alba (Beurla)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh