Boireannach a dhìth ann an Inbhir Nis
- Published
Tha na Poilis draghail mu bhoireannach a bhuineas do dh'Inbhir Nis, nach fhacas bhon Lùnastal.
Tha Henrietta Hutcheon 46 bliadhna de dh'aois.
Rugadh i ann am Breatainn, ach le buntanas teaghlaich dha na h-Ìnnseachan.
Tha i còig tròighean de dh'àirde, le falt fada donn.
Chunnacas mu dheireadh i na dachaigh ann an sgìre Dhail nan Eich de dh'Inbhir Nis.
Tha na Poilis ag iarraidh gun tig daoine thuca gun dàil ma tha fiosrachadh sam bith aca mun chùis.