Salmond air gabhail ris a' chall

Ailig Salmond
Image caption Dh'iarr Mgr Salmond air muinntir na h-Alba gu lèir tighinn còmhla.

Ghabh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ri bhòt mhuinntir na h-Alba an aghaidh neo-eisimeileachd.

A' bruidhinn ann an Dùn Èideann dh'iarr e air an dùthaich a thighinn còmhla.

"Bidh mòr-chuid ann airson na h-iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd. Tha e cudromach a ràdh gur e pròiseas aonaichte a bh' anns an referendum againn.

"Tha Alba, le mòr-chuid, air co-dhùnadh gun, aig an ìre seo, a dhol na dùthaich neo-eisimeilich.

"Tha mise a' gabhail ri breith nan daoine, agus tha mi a' guidhe gun lean Alba gu lèir ann a bhith a' gabhail ri breith dhreamocrataich mhuinntir na h-Alba."