Atharrachaidhean air siostam riaghlaidh na RA

Daibhidh Camshron Image copyright Reuters
Image caption Chuir Mgr Camhron meala-naidheachd air Bu Chòir Alba airson deagh iomairt a ruith.

Thuirt am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, gun tèid coimhead san aithghearrachd ri siostam Riaghlaidh Bhreatainn gu lèir atharrachadh.

Bha e a' bruidhinn aig Sràid Downing, an dèidh do mhuinntir na h-Alba bhòtadh le mòr-chuid an aghaidh neo-eisimeileachd.

Chuir e meala-naidheach air Bu Chòir Alba airson deagh iomairt a dhèanamh.

Thuirt e gun robh e "fìor thoilichte" le buil na bhòta, agus gun deadh am Morair Mac a' Ghobhainn na Ceilbh-aibhne os cionn coimisein a choimheadadh ris na h-atharraichean a bhiodh a dhìth gus cumhachdan a bharrachd a thaobh chìsean, cosg phoblaich agus sochairean.

Dh'innis Mgr Camshron gun tigeadh dreach-reachdas air adhart ro dheireadh an Fhaoillich.

Chuir e dìon air a' cho-dhùnadh leigeil leis an referendum a dhol air adhart, ag ràdh gun robh e ceart a bhith a' toirt aithne agus spèis don mhòr-chuid a fhuair an SNP ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt e gun deadh fèin-riaghladh a sgaoileadh agus a leudachadh am measg dhùthchannan eile na Rìoghachd Aonaichte.

"Chuala sinn guth na h-Alba, agus feumaidh a-niste guth nam milleanan ann an Sasainn a bhith air an cluinntinn.

Feumar freagairt mhaireannach a thoirt do Cheist Lodainn an Iar - bhòtaichean Sasannach air laghannan Sasannach. Mar sin, dìreach mar a bhòtas Alba fa-leth anns a' Phàrlamaid Albannaich a thaobh chosg chìsean agus sochairean, bu chòir cuideachd gum bi Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a bhith comasach air bhòtadh air na gnothaichean sin. Feumaidh seo uile tachairt aig a' cheart astar 's a thachras an t-aonta ùr airson Alba."

Chaidh iarraidh air Ceannard Thaigh nan Cumantan, Uilleam Hague, planaichean ullachadh airson atharrachadh bunaideach a thoirt air cùisean aig Westminster, gus nach bi ach buill Shasannach a' bhòtadh air gnothaichean a bhuineas ri Sasainn a-mhàin.