Droch thubaist rathaid am Beinn na Fadhla

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheilear a' dèiligeadh ri droch thubaist rathaid air an A865 aig Ford Terrace, Creag Ghoiridh ann am Beinn na Fadhla.

Tha an rathad dùinte gach taobh.

Tha slighe eile ga comharrachadh tro mheadhan a' B891, rathad Hàclait.

Tha dùil gum bi an rathad dùinte deagh ghreis, fhad 's a tha rannsachadh ga dhèanamh mun chùis.