Tubaist mhairbhteach aig Beirgheadail
- Air fhoillseachadh
Dhearbh na Poilis gun deach fireanach a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air an A9 faisg air Beirgheadail oidhche Ardaoin.
Cha robh ach aon charbad - làraidh a' giulain stùth trom - an sàs ann.
Bha an duine 41, agus chaidh fios a chur dha theaghlach.
Chaidh an rathad a dhùnadh bho gach taobh airson grunn uairean de thìde, ach tha aon shlighe dheth a-nis fosgailte.