Coinneamh mu sheirbheisean slàinte sna Hearadh

An Tairbeart Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dotairean ann an ceann a tuath na Hearadh a' cur cùl ri seirbheis ceithir uairean fichead san là

Thèid coinneamh phoblach a chumail air an Tairbeart oidhche Luain 's atharrachadh air fàire a thaobh seirbheis na slàinte ann an ceann a tuath an eilein.

Cha bhi dotairean a' chinn a tuath tuilleadh a' toirt seirbheis seachad ceithir uairean fichead san là.

Tha Bòrd na Slàinte ag ràdh gu bheil iad a' rannnsachadh nan diofar dhòighean anns an gabhadh seirbheis slàinte a thoirt seachad taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.

Tha dragh air Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh ge-tà, nach deach fiosrachadh a chumail ri muinntir an àite mar bu chòir.

Astar

Thuirt Cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Iain MacLeòid, gun deach innse dhaibh-san air a' mhìos a dh'fhalbh gur ann a-mhàin eadar 08:00m agus 6:00f Diluain gu Dihaoine a bhiodh uallach air dotairean a' chinn a tuath seirbheis slàinte a thoirt seachad agus gur e am Bòrd Slàinte a dh'fheumadh seirbheis a chumail ri daoine taobh a-muigh nan uairean sin.

'S ann an ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a bhiodh an dotair sin stèidhichte.

Dh'fhàgadh sin, thuirt Mgr MacLeòid, gun toireadh e suas ri uair de thìde gu leth mus fhaigheadh euslaintich chun an dotair, a rèir 's dè am pàirt de na Hearadh anns a bheil iad a' fuireach.

Thuirt am Bòrd Slàinte gu bheil iad air a bhith a' rannsachadh a' ghnothaich fad sia mìosan, còmhla ri dotairean agus nursaichean na sgìre agus Seirbheis Charbad Eiridinn na h-Alba.

Cha toir an t-atharrachadh buaidh air ceann a deas an eilein far a bheil an dotair fhathast a' cumail seirbheis ris an t-sluagh ceithir uairean fichead san là.

Bidh a' choinneamh ann an Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart aig 7:30f Diluain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile