Panal Cloinne nan Eilean Siar a' sireadh bhall

  • Air fhoillseachadh
Dithis nigheann
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Panal na Cloinne a' sireadh bhall ùra air feadh na dùthcha

Tha buill ùra gan sireadh airson Panal na Cloinne anns na h-Eileanan an Iar.

Tha 5 ball ùr gan sireadh anns na h-Eileanan, mar phàirt de dh'iomairt nàiseanta airson tuilleadh bhall fhastadh air feadh na dùthcha.

Thuirt Ina NicÌomhair, a tha na ball de Phanal nan Eilean Siar, gu bheil gu leòr a dhaoine aca airson cumail a' dol ach gu bheil feum air buill ùra a h-uile bliadhna mu choinneimh na tha de dhaoine a' fàgail neo nach eil ri fhaighinn airson diofar adhbhararan.

"Tha sinn a' lorg dhaoine anns a bheil ùidh anns a' chùis ... tha sinn a' lorg fhireannach - mar as tric tha barrachd bhoireannach a' cur a-steach airson a' Phanail na tha fireannaich - ach tha sinn a' lorg bhoireannach cuideachd, agus anns gach aois," thuirt i.

Obair a' Phanail

Bidh Panal na Cloinne ag obair le cloinn, suas ri 18 bliadhna de dh'aois, aig a bheil duilgheadasan.

Thuirt Ina NicÌomhair gu bheil i air mothachadh gu bheil a' chlann leis am bi am Panal a' dèiligeadh air fàs nas òige bho thòisich a' bhuidheann anns na seachdadan.

Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ron 3mh den Damhair.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh