Tuilleadh thaighean a dhìth ann an Stafainn

Stafainn
Image caption Tha dragh air Urras an Taobh Sear mu na tha de dhaoine a' fàgail na sgìre

Sheall sgrùdadh a rinn Urras an Taobh Sear san Eilean Sgitheanach gu bheil iarrtas anns an sgìre airson barrachd thaighean.

Tha dragh air an Urras gu bheil daoine a' fàgail na sgìre airson an ainmean a chur air liostaichean feitheimh airson taigheadais ann am pàirtean eile den eilean.

Tha tòrr thaighean-samhraidh anns an sgìre agus tha sin a' cur ris an trioblaid le cion taigheadais.

"A' gluasad dhaoine"

Thuirt Cathraiche an Urrais, Dòmhnall Dòmhnallach, gu bheil iad a' faicinn gur e am poileasaidh a th' aig a' bhuidhinn taigheadais, daoine a ghluasad a Phort Rìgh, seach a bhith a' togail tuilleadh thaighean dhaibh ann an sgìrean iomallach.

"Tha sinn a' faireachadh gu bheil sin a' cur bacadh air adhartas anns an sgìre againn fhìn", thuirt e.

"Tha sinn a' faicinn barrachd 's barrachd dhaoine a' ceannach thaighean nach eil a' fuireach anns an sgìre 's tha a' fuireach 's dòcha ann am pàirt eile de dh'Alba neo eadhon ann an Sassainn 's chan eil sin math".

Tha an t-Urras ag ràdh gu bheil àireamh na cloinne anns a' bhun-sgoil air crìonadh thairis air na bliadhnaichean a dh'fhalbh, agus tha e ag ràdh gu bheil daoine gu math mothachail a-nis nach eil gu leòr àitean-fuirich anns an sgìre.

Tha na tha de dh'fhèill air taighean anns an sgìre cuideachd a' fàgail gu bheil e nas duilghe do dhaoine òga às an sgìre fhèin dachaigh a cheannach.

Nochd plana bho chionn còig bliadhna 's cuideigin a bhuineadh dhan sgìre an dùil naoi taighean ùra a thogail, ach cha tàinig na planaichean sin gu bith.

Tha an t-Urras a-nis an dùil bruidhinn ris a' bhuidhinn taigheadais 's iad ag ràdh gum bi iad "a' putadh gu math cruaidh" airson barrachd thaighean fhaighinn ann an sgìre an Taobh Sear.