Freagairtean gan lorg sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh

Bha e na bristeadh dùil agus na iongnadh dha Bu Chòir anns na h-Eileanan an Iar nach do bhuannaich iad san sgìre.
Ach tha e coltach gu bheil daoine ann an Uibhist air gach taobh den deasbad fhathast a' lorg fhreagairtean.
"Tha e doirbh a chreidsinn nach deach na h-Eileanan an Iar leis a' bhòt," thuirt Ruairidh MacAoidh, a bhòt airson neo-eisimeileachd.
"Tha sinne cho fada air falbh o Westminster 's a ghabhas, ann an iomadach dòigh.
"Agus tha sin na bhriseadh dùil, feumar sin a ràdh gun teagamh.
"Cha dearg thu ach feuchainn, agus bruidhinn ris na daoine, agus ma tha na daoine airson a dhol ris, thig iad ris, mar a thachair."
Geallaidhean
Tha an dà thaobh a-niste a' feitheamh air buil nan geallaidhean a rinn pàrtaidhean an Aonaidh ri Pàrlamaid na h-Alba.
"Bha an rud sgrathail fhèin faisg," thuirt Ronnie Dòmhnallach, a bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd.
"Dh'fhaodadh e a dhol taobh sam bith. Agus tha mi a' smaoineachadh gum feum na daoine shìos ann an Lunnainn coimhead ri sin agus an gnothach a chur ceart.
"Ge b' i an tig e - tha sinn a' dèiligeadh ri luchd-poileataigs - 's e ceist eile a tha sin. Ach tha mi a' smaoineachadh gun tig rudeigin, agus bidh sinn nas fheàrr dheth na bha sinn.
"Ach bha an taobh eile cuideachd a' gealltainn tòrr rudan nach robh mise a' faicinn dè mar a dheadh aca air a dhèanamh," thuirt e.
Tha eaconamaidh agus obraichean ann an Uibhist is Beinn nam Fadhla ceangailte gu mòr ris na bhios san amharc aig riaghaltas sam bith do Raon nan Rocaidean.
Chan eil taobh seach taobh cinnteach a-niste gu bheil sin sàbhailte.
Obraichean
"Ma dh'fhuiricheas sinn mar a bha sinn roimhe seo, cha bhi e buileach cho dona. 'S e an rud a tha a' cur dragh orm, gun caill sinn na th' againn an-dràsta," thuirt Ruairidh MacAoidh.
"Agus ma chailleas sinn an Raon, falbhaidh an obair à Uibhist, agus cha bhi dad air fhàgail," thuirt e.
"Tha mi cinnteach nam inntinn fhìn gum falbhadh an obair sin, nam b' e Bu Chòir a bh' air a bhith ann," thuirt Ronnie Dòmhnallach.
"Gu fortanach, cha do thachair sin.
"Ach dh'fhaodadh Raon nan Rocaidean, far a bheil mòran dhaoine a' faighinn obair, dh'fhaodadh sin falbh a-màireach. Tha sin cho cinnteach.
"Ach bha mi cinnteach - fanaidh e tha mi a' smaoineachadh airson deagh ghreis fhathast," thuirt e.
Còmhla ris a' chòrr de dh'Alba, tha Uibhist a' feitheamh buil a' cho-dhùnaidh eachdraidheil a rinneadh san referendum.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 23 An t-Sultain 2014