Sgitheanaich a' meòrachadh an dèidh na bhòta

Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Bhòt mòr-chuid san sgìre airson neo-eisimeileachd, a rèir sgrùdaidh a rinn Bu Chòir

Chuir a' mhòr-chuid de luchd-bhòtaidh an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse cùl-taic ri neo-eiseimileachd, a rèir sgrùdaidh a rinn oifigearan Bu Chòir fhad 's a bha na baileatan gan cunntais ann an Inbhir Pheofharain.

Rinn luchd-iomairt airson neo-eisimeileachd strì làidir san sgìre agus, eu-coltach ri mòran àiteachan, cha robh taic airson Nas Fheàrr Còmhla idir cho follaiseach.

Ach tha daoine bho ghach taobh ag aontachadh air aon rud - gum feum Riaghaltas Westminster cumhachdan a bharrachd a thoirt do Holyrood.

Rinn gu leòr anns an Eilean Sgitheanach gu math follaiseach mar a bhòtadh iad san referendum, le soidhnichean "Bu Chòir" agus "Yes" a' nochdadh ann am bailtean air feadh an eilein.

Drochaid an Eilein

Cha robh luchd-taic Nas Fheàrr Còmhla cho buileach follaiseach ge-tà, gus nach robh air fhàgail ach beagan làithean chun na bhòta.

"Cha b' e rud a bh' ann a bh' air a stiùireadh gu ceart mar gum biodh," thuirt Roger Liley, a bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd.

"Cha b' e comataidh a bh' annainn. Ach air post-d, air a' fòn, 's e gluasad bho na freumhaichean a th' air a bhith ann dha-rìribh.

"Chuir e iongnadh oirnn dìreach na bha de dhaoine an sàs an seo," thuirt e.

Chan eil teagamh ge-tà nach e luchd-taic Bu Chòir aig an robh an iomairt a bu fhollaisiche.

Chruinnich iad air Drochaid an Eilein - làrach cho samhlachail 's a th' anns an sgìre air strì a' phobail, beagan làithean ron bhòt.

"Tha mi an dòchas dùthaich ùr a chruthachadh còmhla ri daoine eile," thuirt Calum Dòmhnallach, a bha am measg na chruinnich.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi cothroman math againn, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn comasach agus làn-thaic airson sin a dhèanamh," thuirt e.

"Chan eil eagal sam bith againn bho na rabhaidhean a thàinig bho Nas Fheàrr Còmhla," thuirt Tony Kearney, a bha cuideachd air an drochaid.

"Tha iadsan air ruighinn na h-ìre a-niste agus chanadh iad rud sam bith airson eagal a chur oirnn."

Plana B

A rèir fhigearan ionadail, chuir 55% de bhòtairean an Eilein Sgitheanaich an taic ri Bu Chòir.

Am measg an fheadhainn a chuir an taic ri Cha Bu Chòir, bha Calina Dhòmhnallach.

"Ma tha thu a' dol a dhèanamh rudeigineach ùr, feumaidh fios a bhith agad ciamar a tha e a' dol a dh'obrachadh," thuirt i.

"Mar a chanas iad Plan B, C, D, E agus F cuideachd.

"Agus cha robh mise a' faicinn gun robh leithid de rud aca."

'S e mì-chinnt a thaobh cosnaidh a thug air cuid eile bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

"Tha a' chompanaidh agamsa shìos ann an Kent," thuirt Iain Wilson, a tha a' faighinn trèanaidh anns a' Chabhlach Mharsanta.

"Ma 's e bhòt airson neo-eisimeileachd a bhiodh ann, bhiodh ann an companaidh agamsa ann an dùthaich eile."

Cha robh an aon bheachd aig a charaid Calum MacCoinnich ge-tà.

Image caption Tha gach taobh airson dèanamh cinnteach a-nis gun coilean Westminster na gheall iad.

"Le cha-mhòr dàrna leth na dùthcha ag iarraidh gum bi Alba na dùthaich neo-eisimeilich, tha e iongantach," thuirt e.

"Nan robh Devo Max air a' phàipear, saoilidh mi gun robh a' mhor-chuid air bhòtadh airson sin co-dhiù, 's gur e sin a thigeadh.

"So ma gheibh sinn na cumhachdan a bharrachd a chaidh a ghealltainn - agus chan eil cinnt air sin.

"Nam bheachd-sa tha na tha ri teachd do dh'Alba caran coltach ris an là an-diugh. Tha e ceòthach, 's chan fhaicear na thachras."

Tha gach taobh a-niste ag ràdh gum feum pàrtaidhean an Aonaidh aig Westminster cumail ris na gheall iad.

"Feumaidh Clàr-ama na h-Alba tachairt," thuirt Roger Liley.

"Bhiodh muinntir na h-Alba gu tur air an tàmaillteachadh mura tachair e.

"Tha mi air a bhith a' bruidhinn ir daoine, caraidean a bhòt Bu Chòir. Tha iadsan den dearbh bheachd. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun tachair seo, agus gun tachair e a rèir a chlàr-ama.

Coimhearsnachdan

"Tha iad ga ghealltainn ron ath-bhliadhna - dèanamaid cinnteach gun tachair e."

B' e co-dhùnadh duilich a bh' ann an Cha Bu Chòir do chuid.

Dh'fhàg Calina Dhòmhnallach chun a' mhionaid mu dheireadh e, agus chan eil càil de dh'fhios aice dè am freagairt a bhiodh aice nan tigeadh a' cheist a-rithist.

"Tha aon rud cinnteach: thig i air ais a-rithist," thuirt i.

"O chionn 's gu bheil a h-uile càil a bh' ann gu math dlùth ri chèile. Chan eil sgaradh mòr mòr uabhasach idir ann.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gun tig a' cheist seo air ais. Agus tha còir aice tighinn air ais, mura toir Westrminster dhuinn na rudan a bha iad a' gealltainn.

"Agus thig iad air ais, tha mi smaoineachadh, fada nas làidire."

B' e bhòt Diardaoin seo chaidh, a' bhòt a bu mhotha riamh ann an Alba, agus tha pàrtaidhean Bu Chòir ag ràdh gu bheil na mìltean de bhuill ùra aca as a dèidh.

Tha buidhnean ùra cuideachd gan cruthachadh airson an t-strì a' chumail a' dol.

Tha Mark Wringe air a bhith na bhall den Phàrtaidh Nàiseanta airson 20 bliadhna, agus e ag iarraidh neo-eisimeileachd airson còrr is 40 bliadhna.

"Leis mar a chunnaic sinn daoine air am beò-ghlacadh le dòchas - dòchas gum faodadh sinne saoghal nas fheàrr, nas cothromaiche a chruthachadh ann an Alba.

"Agus daoine nach robh an sàs ann am poileataigs.

"Chan e pàrtaidhean a bha a' stiùireadh seo, ach daoine sna coimhearsnachdan.

"Nuair a tha thu a' beachdachadh air sin uile, chan eil an t-iarrtas airson adhartais, airson cheumannan a dh'ionnsaigh neo-eisimeileachd, no rudeigin coltach rithe, chan eil sin a' dol a sguir."

Tuilleadh air an sgeulachd seo