Taisbeanaidhean mu leasachadh an A96

Thèid planaichean airson an A96 a dhùblachadh air fad a thaisbeanadh air an ath-mhìos.

Feumar mu 86 mìle den rathad, a tha a' ruith eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain, a leasachadh.

Gheall Riaghaltas na h-Alba crìoch a chur air an obair-leasachaidh ro 2030.

Tha a' bhuidheann Còmhdhail na h-Alba ag ràdh gun toir na taisbeanaidhean cothrom do dhaoine anns na sgìrean air an toir leasachadh an rathaid buaidh, agus luchd-gnìomhachais, cothrom am beachdan a thoirt seachad.

Bidh seach-rathaid timcheall air Inbhir Narann mar phàirt den phròiseact.

Bidh na taisbeanaidhean a' gabhail àite ann an Inbhir Narann air 3mh là den Damhair, ann an Allt Èireann air an 6mh là agus ann an Inbhir Nis air an 7mh là den mhìos.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile