Ionad Acres ga fhosgladh gu h-oifigeil
- Published
Chaidh ionad ùr Acres ann an Steòrnabhagh, airson daoine gun dachaigh, fhosgladh gu h-oifigeil Diluain.
Tha 24 seòmar anns an ionad, a tha suidhichte ri taobh seann raon-chluiche Acres air Rathad an Eilein, agus gabhaidh e suas ri 28 duine.
Tha an togalach ga roinn ann an ceithir flataichean, le cidsin anns gach flat, agus tha goireasan nigheadaireachd agus seòmar airson chur-seachadan ann dhan luchd-còmhnaidh gu lèir.
Bidh daoine a' fuireach ann an ionad ùr fhad 's a tha iad a' feitheamh air àite-fuirich nas maireannaiche.
Goireasach
Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil an t-àite gu math nas goireasaiche gu h-àraidh do theaghlaichean, seach a bhith a' fuireach ann an taighean leabaidh 's bracaist mar a bha a' tachairt thuige seo.
Chaidh an togalach a dhealbh ann an dòigh a tha bàidheil dhan àrainneachd le teasachadh fon làr agus cumhachd na grèine ga chur gu feum.
Chaidh an t-ionad fhosgladh gu h-oifigeil le Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 23 An t-Sultain 2014