Crodh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Càite bheil a' bhò agam?"

23 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An cuala sibh mun App fòn-làimhe "Càite bheil a' bhò agam?"

'S dòcha nach cuala, ach chan eil càil a dh'fhios nach bi cuid agaibh ga chleachdadh an ceann ùine.

Tha Colaiste Dùthchail na h-Alba, an SRUC, an-dràsta a' leasachadh teicneòlas GPS a leigeis le tuathanaich agus croitearan air Ghàidhealtachd sùil a chumail air na beathaichean aca bho chofhurtachd na dachaigh.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.