BBC Naidheachdan

Teine air sabhal a sgrios faisg air Inbhir Nis

Published
image captionChaidh cobhair a thoirt do dhithis aig an làraich a bh' air ceò a ghabhail air an anail.
Bha luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ri teine mhòr thar na h-oidhche ann an sabhal air tuathanas faisg air Inbhir Nic.
Bha mu 30 luchd-smàlaidh an làthair aig an teine aig Redhil, faisg air Allt Rollaidh, a thòisich mu 3:30f Diluain.
Chunnacas an teine bhon A96 gu anmoch.
Bha trì charbadan-smàlaidh an làthair madainn Dimàirt, a' mùchadh bhadan den teine a bha fhathast a' gabhail.
Chaidh an togalach a sgrios gu tur.
Chaidh cobhair a thoirt do dhithis aig an làraich a bh' air ceò a ghabhail air an anail.