Mì-thoileachas sna Hearadh mu sheirbheis dotair
- Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh phoblach anns na Hearadh oidhche Luain gur iad dotairean a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh a bhios a' toirt seachad cùraim-shlàinte taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an Ceann a Tuath na Hearadh.
Tòisichidh sgeama-pileat air an ath-mhios a mhaireas trì mìosan uile gu lèir.
Tha cuid anns an sgìre ge-tà, mì-thoilichte mu na tha san amhairc.
"Saoilidh mi gur e seann daoine as motha a bhios a' cur oighreachd mhòir air seo," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh Iain MacLeòid.
"Roimhe cha robh aca ach am fòn a thogail, 's nuair a gheibheadh iad NHS 24, chuireadh iad fios chun an dotair aca fhèin, is thigeadh an dotair aca fhèin a choimhead orra.
"Cha bhi sin a' tachairt a-nis. 'S e dotair an Ospadal Steòrnabhaigh a bhios iad a' bruidhinn ris.
"Mar sin nì iadsan a-mach am feum iad a dhol gu Ospadal Steòrnabhaigh.
"Niste chaidh a' cheist a thogail, dè mu dheidhinn daoine nuair nach robh càr aca no inneal a bheireadh dhan ospadal iad.
"Chuireadh am Bòrd-Slàinte an uair sin tacsaidh air dòigh a bheireadh a dh'Ospadal Steòrnabhaigh iad mura biodh iad comasach iad fhèin fhaighinn ann.
"Saoilidh mise nach biodh sin ro mhath do sheann daoine a' siubhail cho fada.
"Tha daoine, mar a bha mi a' cluinntinn a-nochd, anns an ionad dotair sa cheann a tuath, a tha a' fuireach an ceann a deas na Hearadh.
"'S e ùine gharbh a tha sin a' dol a dh'Ospadal Steòrnabhaigh, far an-dràsta a thigeadh dotair a choimhead orra."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2014