Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pàrlamaid na h-Alba

Iarraidh Ailig Salmond air pàrtaidhean poileataigeach na Rìoghachd Aonaichte an-diugh cumail ris na gheall iad mu thuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba. Canaidh Mgr Salmond ann an Holyrood gum feum cumail ris na gheall iad an dèidh bhòt eachdraidheil na seachdain seo chaidh. Tha dùil gun iarr e cuideachd gum bhòtadh deugairean 16 is 17 bliadhna de dh'aois sa h-uile taghadh an dèidh seo.

An Stàit Ioslamach

Thug na Stàitean Aonaichte, le taic nan dùthchannan Arabach, Saudi Arabia agus Qatar nam measg, ionnsaighean 'son a' chiad uair air feachdan na Stàite Ioslamaich ann an Siria. Bha baile Raqa far a bheil IS stèidhichte am measg nan sgìrean air an deach ionnsaigh a thoirt le itealain chogaidh agus urchairean crùis. Thuirt fear-labhairt IS gun dèan iadsan ionnsaigh air ais. Thuirt Sràid Downing nach do ghabh itealain Bhreatannach pàirt anns an ionnsaigh, ach tha aithrisean ann gun tèid Pàrlamaid a ghairm air ais tràth airson deasbad air an t-suidheachadh.

Am Pàrtaidh Làbarach

Bidh Ed Miliband a' foillseachadh plana deich bliadhna an-diugh ma 's e agus gum faigh na Làbaraich cumhachd aig taghadh coitcheann na h-ath-bhliadhna. Innsidh e do cho-labhairt na pàrtaidh ann am Manchester gun cuir e cìs air dachannan air a bheil luach còrr is £2m, agus gun deadh an t-airgead sin a chosg air an NHS.

Barclays

Chuir Ùghdarras Modh an Ionmhais càin de £28m air Banca Barclays airson fàiligeadh ann an dìon airgid an luchd-cleachdaidh agus airson cion chlàran cearta eadar an t-Samhain ann an 2007 agus an Fhaoilleach ann an 2012. Thuirt Barclays nach do rinn iad prothaid sam bith às an t-suidheachadh, agus nach do chaill duine den luchd-cleachdaidh airgead ri linn.

Tesco

Tha ceannard ionmhais ùr Tesco, Ailean Stiùbhart, a' tòiseachadh san dreuchd sin an-diugh, seach tòiseachadh anns an Dùbhlachd mar a bha dùil. Dh'innis Tesco an-dè gun do rinn iad mearachd nuair a bha iad £250m os cionn an tomhais a rinn iad iar prothaid na buidhne. Thug a' mhearachd sin còrr is £2bn far luach na companaidh.

Na Hearadh

Chaidh innse do choinneimh phoblaich anns na Hearadh an-raoir gur iad dotairean a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh a bhios a' toirt seachadh cùraim taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach àbhaisteach ann an ceann a tuath na Hearadh. Tòisichidh sgeama pìleat air an ath-mhìos a mhaireas trì mìosan. Tha Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh am measg na tha mì-thoilichte mun phlana sin.