Maoineachadh do phròiseactan coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh

Fhuair Bunaid Choimhearsnachd Ghriomasaigh taic-mhaoineachaidh de cha-mhòr £140,000 bho Stòras an Fhearainn airson seann eaglais san eilean a leasachadh mar ionad coimhearsnachd.
'S ann leis an Eaglais Shaoir a bha an togalach ann an Scoitbheinn bho thùs.
Tha e air a' mhargaidh an dèidh a leasachadh mar thaigh.
Tha a' Chomhairle Coimhearsnachd an dùil a leasachadh mar oifis phuist, cafaidh agus àite cruinneachaidh.
Dheadh fearann mun cuairt air cuideachd a roinn ann an liosan do mhuinntir an àite.
Bhiodh cuideachd àite còmhdaichte ann airson margaidh far an gabhadh stuth a reic.
Air Tìr Mòr, fhuair Buidheann Coille agus Dualchais a' Chlachain air taobh siar Rois, cha-mhòr £150,000 airson Coille a' Chlachain, air cùl baile Loch Carrann, a cheannach.
Tha iad ag amas air grunn leasachaidhean a dhèanamh, airson maith eaconamaich, shòisealta agus àrainneachail na coimhearsnachd.
Am measg nam pròiseactan sin, tha croitean coille a chruthachadh, agus taigheadas air prìs reusanta a stèidheachadh do mhuinntir na coimhearsnachd.