Saoghal Ùr?

Tha gach rud diofraichte a-nis.

Bhiodh sin nas fhollaisiche nan robh Alba air bhòtadh airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail agus a stèidheachadh fhèin mar dhùthaich neo-eisimeileach.

Ach dhòmhsa, tha e fhathast fìor.

Aig a' cheann-thall, tha freagairt againn don cheist ris an robh Alba beò-ghlacte fad mo bheatha-sa, a rinn an sgaradh a bu doimhne anns an deasbad nàiseanta.

Le 55% dhen t-sluagh a' bhòtadh airson an t-Aonadh eadar Alba agus an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte, tha an fhreagairt sin soilleir gu leòr.

Ach a dh'aindeoin miann nan daoine a rinn gàirdeachas oidhche Ardaoin, chan e deireadh na ceist a tha seo ann.

Bròn

Cinnteach, tha feadhainn fo bhròn mòr ri linn na thachair.

Chuir cuid am beatha seachad ag iomairt airson Saorsa na h-Alba - mar a chunnaic iad fhèin a' chùis - tro bhliadhnaichean nuair a bha i na adhbhar magaidh.

Bha cuid eile air an tarraing a-steach don iomairt o chionn goirid, làn dòchais gun deadh mòr-chuid de dh'Albannaich leotha air là na bhòt.

Ach ged a tha briseadh-cridhe aca, cha bu chòir briseadh-dùil a bhith ann.

Ged nach b' urrainn dhaibh faighinn thairis air 50%, tha an taic airson stàit Albannaich aig an ìre as àirde o thoiseach an daonn-fhlaitheis.

Agus, nas cudromaiche na sin 's dòcha, tha iad air na miltean dhaoine a tharraing a-steach don deasbad airson a' chiad uair - dè thachras dhaibhsan?

Aire

Anns na làithean a tha romhainn, tionndaidhidh aire air ais gu pàrlamaid agus pàrtaidhean a bha, fhad 's a bha na h-ionadan-bhòtaidh fosgailte, air a' ghrèim àbhaistich aca air cumhachd a leigeil dhiubh.

Gabhaidh Nicola Sturgeon grèim air stiùir an SNP agus dùbhlan mòr ron chiad bhoireannach a shuidh air cathair a' phrìomh mhinisteir.

Dh'fhàs am pàrtaidh an dà uimhir taobh a-staigh beagan làithean - le barrachd bhall na na Lib-Deamaich air feadh na Rìoghachd, 's e an SNP a-nis an treas pàrtaidh as motha ann am Breatainn.

Bidh dùil aig na daoine sin ri atharrachadh mòr, ach tha sin gu mòr an urra ris a' mhalairt eadar na trì pàrtaidhean a bha, fad greis bhig, nan càirdean anns an iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

Tha ceistean sònraichte doirbh do na Làbaraich Albannach a-nis às dèidh mar a bhòt mu dhithis anns gach còignear dhen luchd-taic thràidiseanta aca - agus gach sgìre ann an Glaschu, sgìre Johann Lamont nam measg - airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Gun ach beagan mhìosan ron taghadh choitcheann, tha obair mhòr romhpa an càirdeas aca leis na daoine sin a chàradh, air Taobh Dearg Chluaidh agus air feadh na dùthcha.

Gealltanas

Nuair a thàinig Alba agus Sasainn còmhla gus an Rìoghachd Aonaichte a chruthachadh ann an 1707, cha robh bhòt aig an t-sluagh.

Còrr is 300 bliadhna on uair sin, tha mòr-chuid de dh'Albannaich air an taic a chur ris an Aonadh.

Ach is coltach nach do bhòt iad airson na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an-dràsta, ach airson Rìoghachd air a h-ùrachadh agus Pàrlamaid Albannaich nas treasa aig a cridhe.

Tha freagairt dheireannach do cheist na neo-eisimeileachd gu mòr an crochadh air an dùil a tha ann gun tig sin, air a' ghealltanas a rinn ceannardan Westminster air thoiseach air a' bhòt.

Fiù 's le deagh rùn, cha bhi e furasta dhaibh an gealltanas sin a choileanadh, le an-fhois ann an Sasainn agus an taghadh a tha a-nis air fàire a' fosgladh nan seann sgaraidhean eatorra a-rithist.

Tha Alba air bruidhinn - ach cha tèid a' cheist seo air falbh, mairidh i, gun fhios ciamar, no cùine a thèid a cur a-rithist.