Tubaist-rathaid faisg air an Aghaidh Mhòir
- Air fhoillseachadh
Chaidh còignear a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis às dèidh tubaist-rathaid faisg air an Aghaidh Mhòir oidhche Mhàirt.
Thachair an tubaist air rathad am B9152 faisg air làrach-campachaidh Dhail Radaidh mu 8f.
Cha robh ach an aon chàr an lùib na tubaist.
Chan eil fhios aig an ìre seo dè cho dona 's a chaidh an fheadhainn a bh' anns a' chàr a ghoirteachadh.
Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic càr Honda Civic gorm anns an sgìre mu àm na tubaist fios a chur thuca.