Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sturgeon

Dh'innis Nicola Sturgeon an-diugh gun seas ise airson àite Ailig Salmond a ghabhail mar cheannard air an SNP agus mar phrìomh mhinistear air Alba. Tha coltas gur dòcha nach bi farpais ann an aghaidh Ms Sturgeon, ball cheann a deas Ghlaschu ann am Pàrlamaid na h-Alba, leis gun do chur a h-uile duine ann an caibineat na h-Alba an taic rithe.

Siria

A rèir an fhiosrachaidh a th' aig a' BhBC, thèid Pàrlamaid Westminster a ghairm air ais Dihaoine a dheasbad pàirt Bhreatainn ann an ionnsaighean air feachd na Stàit Ioslamaich. Thug itealain cogaidh Aimearaganach agus còig dùthchannan Arabach ionnsaighean air làraich IS ann an Siria an-dè. Tha dùil gun iarr Prìomh Mhinistear Iorac taic Bhreatainn nuair a choinnicheas esan ri Daibhidh Camshron aig na Dùthchannan Aonaichte ann an New York feasgar an-diugh.

Abu Qatada

Fhuair cùirt ann an Iòrdan an clèireach radaigeach, Abu Qatada, neo-chiontach fo chasaidean ceannairc agus chaidh a shaoradh. Chaidh cuir às do chasaidean gun robh e an sàs ann am plana airson ionnsaigh air Aimearaganaich agus Israelaich sa bhliadhna 2000. Chaidh Abu Qatada a chur a-mach às an Rìoghachd Aonaichte an-uiridh, an dèidh strì fhada laghail, agus thuirt Oifis na Dùthcha nach leig iad leis tilleadh a Bhreatainn.

Làbaraich

Thug ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, freagairt do chàineadh gun do dhìochuimhnich e dà earrainn chudromach de òraid do cho-labhairt nan Làbarach an-dè, mu easbhaidh na dùthcha agus in-imreachd. Thuirt Mgr Miliband gun do rinn e follaiseach ge-tà, nach gabhadh Riaghaltas Làbarach airgead air iasad airson a chur ri seirbheis na slàinte.

Sgoiltean

Tha pàrantan anns an Eilean Sgitheanach a' cur às leth Chomhairle na Gàidhealtachd gun do dh'fheuch iad ri laghan ùra - a tha a' cur barrachd dìon air sgoiltean dùthchail - a sheachnadh le bhith a' cumail co-chomhairleachadh poblach na bu thràithe na bha dùil. Tha na pàrantan a' cur teagamh as an dòigh anns an do laimhsich a' Chomhairle co-luadar mu dhùnadh nam bun-sgoiltean as an Aodann Bhàn, san t-Sruthan agus a' Chnoc Bhreac, agus sgoil ùr a chur nan àite ann an Dùn Bheagain.

MV Loch Seaforth

Chaidh dàil eile air togail bàt'-aiseig ùr Leòdhais, an Loch Seaforth, aig a ghàrradh sa Ghearmailt. Tha dùil a-niste gun tòisich na deuchainnean mara ro dheireadh na seachdain seo agus gun tòisich am bàta ùr air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapuil cho luath 's a tha obair-leasachaidh deiseil aig Cala Steòrnabhaigh. Thuirt fear-labhairt do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn nach toir seo buaidh sam bith air an t-seirbheis a th' ann an-dràsta.