Lùghdachadh ann am faraidhean tacsi

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,
Cho-dhùin Coimiseanair na Trafaig nach deach co-chomhairleachadh ceart a dhèanamh mun àrdachadh.

B' fheudar dha Comhairle na Gàidhealtachd faraidhean tacsi na sgìre a lùghdachadh air sgàth 's nach do rinn iad co-chomhairleachadh ceart le dràibhearsan tacsi mun àrdachadh mu dheireadh a thàinig air na faraidhean.

Co-dhùin Comataidh Ceadachaidh na Comhairle anns a' Ghearran àrdachadh 30sg a thoirt air na faraidhean, ach chuir 160 dràibhear tacsi ann am baile Inbhir Nis fios gu Coimiseanair na Trafaig ag ràdh gun robh àrdachadh nas motha na sin a dhìth.

Bha iadsan a' cumail a-mach, leis gur e cuairtean goirid as motha a bhios dràibhearan tacsi a' bhaile a' dèanamh, gun robh feadhainn aca a' cosnadh nas lugha na an ìre tuarasdail as ìsle a tha ceadaichte.

Eas-aonta

Aig a' cheart àm, bha dràibhearan Loch Abair a' cumail a-mach gur ann a bha na faraidhean ro àrd dhan luchd-cleachdaidh acasan.

A-nis tha Coimiseanair na Trafaig, Ridseard MacPhàrlain, air co-dhùnadh gum feum a' Chomhairle na faraidhean a chur air ais chun na h-ìre aig an robh iad roimhe.

Thuirt e nach do rinn a' Chomhairle co-chomhairleachadh mun àrdachadh mar bu chòir.

Beachdaichidh Comataidh Ceadachaidh na Comhairle air a' cho-dhùnadh nuair a choinnicheas iad air an 7mh là den Dàmhair.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh