Dàil eile air aiseag ùr Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh

Chan eil dearbhadh ann fhathast cuin a thòisicheas an MV Loch Seaforth gu h-oifigeil air an t-slighe aice.
Thàinig maill eile air an obair gus an MV Loch Seaforth fhaighinn deiseil airson na slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.
Bha dùil gum biodh i a' tòiseachadh air an t-slighe anns an t-Sultain.
Tha CMAL ag ràdh nach bi i ann an seirbheis gus am bi alt-aiseig ùr Steòrnabhaigh deiseil.
Tòisichidh na deuchainnean mara aice an t-seachdain seo agus tha CMAL ag ràdh gun tòisich i air slighe Steòrnabhaigh cho luath 's a ghabhas às dèidh sin.
'S ann anns a' Ghearmailt a chaidh an t-aiseag ùr a thogail.
Cumaidh an MV Isle of Lewis oirre air seirbheis Stèornabhaigh gus am bi an t-aiseag ùr deiseil.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An t-Iuchar 2014
- Air fhoillseachadh9 An Giblean 2013
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh