Tubaist mhairbhteach air an A96

  • Air fhoillseachadh

Bhàsaich seann bhoireannach às dèidh tubaist-rathaid eadar dà chàr air an A96 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann.

Bha am boireannach a' coiseachd ri taobh an rathaid faisg air Tòrr na Grèine nuair a thachair an tubaist beagan ro 8.30f Dimàirt.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist, no boireannach a' coiseachd anns an sgìre eadar 8.00f agus 8.30f, fios a chur thuca.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh