Baidhsagal Dhanaidh MhicAsgaill air a ghoid
- Published
Tha am fear-baidhsagail ainmeil Danaidh MacAsgaill a' tagradh airson fiosrachadh às dèidh mar a chaidh am baidhc aige a ghoid ann an Glaschu.
Thuirt Mgr MacAsgaill, a bhuineas dhan Eilean Sgitheanach, gun deach am baidhsagal gorm Inspired Skye aige a ghoid às a' bhan aige uaireigin ro 5.30m Diciadain.
A' sgrìobhadh air Facebook, dh'iarr e air daoine ann an Glaschu coimhead a-mach air a shon.
Tha Mgr MacAsgaill air cliù a chosnadh airson cleasan iongantach a dhèanamh air a' bhaidhc aige.